|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
£12m ga ghearradh bho bhuidseat na Comhairle
|
||||||||||||||||||||||
Tha buidheann riaghlaidh Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh £12m a ghearradh far bhuidseat na h-ath-bhliadhna.
Thèid iarraidh air comhairlichean bhòtadh air na gearraidhean, a thuilleadh air cìsean a reothadh, nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain. Tha na gearraidhean cuideachd a thuilleadh air gearraidhean nas motha de £36m a dh'fheumas a' Chomhairle a chur an sàs thairis air an ath dhà bhliadhna. Tha an comhairliche a tha os cionn buidseat na Comhairle, an Dr. Dàibhidh Alston, a' toirt rabhaidh gun caill mòran dhaoine an cosnaidhean anns an dà bhliadhna sin, a' tòiseachadh sa Ghiblean 2011. Thathas an dùil gum fulaing seirbheisean ri linn nan gearraidhean, agus dragh ann nach tèid aig mòran bhuidhnean saor-thoileach air a' Ghàidhealtachd air a' chùis a dhèanamh às aonais taic-airgid a gheibh iad an-dràsta bhon Chomhairle. Am measg nan seirbheisean air an toir na gearraidhean buaidh tha obair shòisealta agus seirbheisean coimhearsnachd. Dùnaidh amaran snàimh, agus thèid prìs a' bhìdhe do chloinn-sgoile suas. Fo na molaidhean dheadh an t-airgead a gheibh buidhnean Gàidhlig agus foghlam Gàidhlig a ghearradh cuideachd. Dheadh 20% a ghearradh far na gheibh An Comunn Gàidhealach, Àros, Comann na Camanachd, Fèis Rois, agus Fèisean nan Gàidheal. Chailleadh Fèis Bhlas 30%, agus dheadh stad a chur air an airgead a gheibh CNSA, agus CLI bhon Chomhairle gu tur. Thuirt an Comh. Alston gun tèid co-chomhairleachadh farsainn a dhèanamh mus tèid buidseatan airson bhliadhnaichean ri teachd aontachadh, le moladh gun tèid panail de 2,000 luchd-pàighidh nan cìsean an sàs ann an co-dhùnaidhean. Tha an t-aonadh Unison air bruidhinn a-mach mun chùis, agus iad ag ràdh gum bi fìor dhroch bhuaidh air seirbheisean, agus gun tèid ionadan ionnsachaidh do chiorramaich a dhùnadh. Thuirt iad cuideachd gun tèid seirbheisean làitheil do sheann daoine a ghearradh, agus gum bi buaidh air foghlam air a' Ghàidhealtachd. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Ceithrear ball air a' cho-bhanntachd fhàgail04 An Gearran, 2010 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||