BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 17 An Dùbhlachd, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:58 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Comhairle ag iarraidh BBC Alba air Freeview
 
Suaicheantas BhBC Alba
Chuir Comhairle nan Eilean Siar an taic ri iomairt airson BBC Alba a chur air Freeview.

Tha Urras a' BhBC an-dràsta a' cumail co-chomhairleachaidh feuch a bheil an seanal Gàidhlig air soirbheachadh, agus dè bu chòir tachairt leis san àm ri teachd.

Thuirt a' Chomhairle gun robh uallach moralta air an Urras an seanal a dhìon, altram agus taic a chur ris.

Ach thuirt iad cuideachd gum feumar an ìre àrd de phrògraman a bh' ann gu ruige seo a ghlèidheadh, agus sin le maoineachadh a bharrachd a chur ris an t-seanal.

"Ro dhiùid"

"Chan eil teagamh sam bith nach eil an seanal a' soirbheachadh," thuirt Cathraiche Comataidh Bhuileachaidh Plana Cànain na Comhairle, Agnes Rennie.

"Tha sinn a' faicinn taghadh de phrògraman math. Mar sheanal saideil de sheòrsa tha cothtrom ann do dhaoine tighinn air ais 's na prògraman fhaicinn barrachd air aon uair, 's chan e droch rud a tha sin.

"Tha sinn a' faicinn roghainn de phrògraman a tha a' dol thairis air iomadach cuspair, agus tha sinn a' coimhead gu bheil sin ann fhèin a' toirt cothruim cuideachd air obraichean a chruthachadh.

 Chuirinn ìmpidh air a h-uile duine as urrainn, sgrìobhadh a-steach no brath a chur ag innse gu bheil iad a' toirt taic dha seo
 
Ailig Dòmhnallach

"'S e a tha sinne a' cantainn ris an Urras: Nise, cuiribh ri sin, cuiribh ris an àireimh luchd-amhairc, agus thoiribh dhuinn an cothrom sin a dhèanamh leis an seanal a bhith air Freeview," thuirt i.

Tha a' Chomataidh agus a' Chomhairle airson 's gun cuir duine sam bith aig a bheil suim dhan ghnothach fios air Urras a' BhBC.

"Chan eil mòran ùine air fhàgail," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Ailig Dòmhnallach.

"Gu math tric, 's dòcha gu bheil sinne anns na h-Eileanan is ann an Alba ro dhiùid, agus gun a bhith a' leigeil ar beachdan dha foillseachadh mar bu chòir dhuinn.

"Chuirinn ìmpidh air a h-uile duine as urrainn, sgrìobhadh a-steach no brath a chur ag innse gu bheil iad a' toirt taic dha seo, agus mar as motha a nì sin, 's ann nas dualtaiche a tha sinne am prògram a chumail," thuirt e.

Faodar fios a chur chun an Urrais aig www.bbc.co.uk/bbctrust.

Feumaidh beachdan a bhith a-staigh ro 18mh am Faoilleach 2010.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy