BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 11 An Dùbhlachd, 2009 - Air fhoillseachadh aig 16:10 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Stòras Uibhist gus cùrsa Gàidhlig a ruith
 
Uibhist (Dealbh: Undiscovered Scotland)
Tha a' Ghàidhlig aig a' chuid as motha de mhuinntir Uibhist
Bhon ath-bhliadhna bidh an t-uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist a' ruith cùrsa Gàidhlig, a bheir cothrom an cànan a chleachdadh gu làitheil, a bharrachd air oideachadh.

Tha an cùrsa ag amas air oileanaich aig a bheil beagan Gàidhlig mar thà, seach do dh'fhìor luchd-tòiseachaidh.

Thèid oileanaich a thoirt a-mach dhan choimhearsnachd gus ionnsachadh mu chultar Uibhist, agus airson na th' aca de Ghàidhlig a chleachdadh.

Mairidh gach cùrsa seachdain, agus àite fuirich na chois.

Pàirt cudromach

"Tha an cùrsa a' ruith Diluain gu Dihaoine, a' tòiseachadh Didòmhnaich as dèidh Dòmhnach na Càisge, agus a' ruith chun an ath Dhisathairne," thuirt Sarah NicEachainn, a tha na ball de bhòrd stiùiridh Stòras Uibhist.

"Bidh iad a' faighinn beagan de dh'ionnsachadh sa mhadainn. Chan e seisean foirmeil a bhios ann mar sin.

"Ach bidh iad a' faighinn mar gum biodh eòlas air an t-seòrsa cànain a tha iad gu bhith a' cleachdadh anns an rud a bhios iad a' dèanamh feasgar.

 Tha a' Ghàidhlig mar phàirt de dh'Uibhist, agus na pàirt cudromach de na tha Stòras Uibhist a' feuchainn ri dhèanamh
 
Sarah NicEachainn

"Tha diofar ghnìomhan againn a h-uile là.

"Tha iad a' falbh a thadhal air croit, gus am faic iad na beathaichean, 's an obair a thathar a' dèanamh 's rudan mar sin.

"Tha iad a' faighinn cothruim tadhail air Taigh-tasgaidh Chill Donnain, airson eachdraidh Uibhist fhaicinn.

"Thathar an uair sin a' faighinn tadhail air Raon Goilf Àsgairnis, airson cothruim golf fheuchainn.

"Tha iad a' dol a bhith a' tadhal air Taigh Chearsabhagh an Uibhist a Tuath, tha sinn am beachd cuairt a chur air dòigh ann am bàta gu Miughlaigh, 's gheibh iad air tadhal air an eilean, agus iasgach fheuchainn air an rathad air ais.

"Tha iad a' dol a dh'fhaighinn beagan cothruim dannsa cèilidh ionnsachadh, agus tha sinn an dòchas gum faigh sinn air seisean ciùil a chur air dòigh.

"Tha sinn a' feuchainn ris an cànan a bhrosnachadh. Tha a' Ghàidhlig mar phàirt de dh'Uibhist, agus na pàirt cudromach de na tha Stòras Uibhist a' feuchainn ri dhèanamh.

"Tha an luchd-obrach againn, a' mhòr-chuid dhiubh, tha iad a' bruidhinn Gàidhlig. Thathar a' cleachdadh Gàidhlig gu làitheil anns a h-uile àite.

"Tha sinn dìreach airson fhaicinn am biodh ùidh aig daoine ann, tighinn a dh'Uibhist agus a bhith ann an coimhearsnachd Ghàidhlig ag ionnsachadh Gàidhlig, no a' leasachadh sgilean Gàidhlig.

"An-uiridh, bha ceithrear no còignear againn aig an robh ùidh sa ghnothach, ach chan eil sinn ach a' tòiseachadh an-dràsta air seo a shanasachd, agus mar sin, chan eil mòran cothruim air a bhith ann am fiosrachadh a sgaoileadh mar sin fhathast.

"Chì sinn mar a thèid dhuinn," thuirt i.

Bidh an cùrsa a' ruith eadar 5mh agus 10mh an Giblean 2010, agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Stòras Uibhist.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy