BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 09 An Dùbhlachd, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:19 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Tuilleadh airgid don Ghàidhlig bho HIE
 
Suaicheantas HIE
Thèid an t-airgead a chosg thairis air trì bliadhna
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gus £450,000 a bharrachd a chur an sàs ann am pròiseactan Gàidhlig.

Tha an t-airgead ùr a thuilleadh air ionmhas a dh'fhoillsich a' bhuidheann mar thà airson nam fèisean, a' ciallachadh gu bheil iad a' toirt seachad £990,000 uile gu lèir.

Gheibh Comunn na Gàidhlig, Pròiseact nan Ealan, agus Clì Gàidhlig buannachd às an airgead thairis air an ath thrì bliadhna.

"'S e airgead gu tur ùr a tha seo," thuirt Alasdair MacLeòid bho HIE.

"Chaidh an t-airgead aontachadh airson nan diofar bhuidhnean thairis air dhà no trì mìosan a chaidh seachad, agus mur a bi sinn ga chosg anns a' bhliadhna seo fhèin, bidh sinn ga chosg anns na dhà no trì bliadhnaichean ri teachd.

"Tha sinn a' coimhead ri Clì Gàidhlig mar bhuidhinn a dh'fhaodas togail air cothroman mòra a tha a' tighinn gu bàrr le bhith a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ris a' phobal, agus gu h-àraid buidhnean poblach aig a bheil dleastanasan planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh, agus barrachd is barrachd dhiubh sin gu bhith a' toirt seachad leasanan Gàidhlig.

"Le Comunn na Gàidhlig chaidh sinn a-mach gu tairgse airson cùmhnant le bhith a' cumail sheirbheisean ri Iomairt na Gàidhealtachd cha-mhòr, le bhith a' cur an gnìomh plana Gàidhlig na buidhne.

"'S iad Comunn na Gàidhlig a rinn a' chùis an sin, agus tha iad gu bhith a' cumail sheirbheisean leithid sgeamaichean ghrantaichean ri companaidhean agus buidhnean coimhearsnachd 's an leithid sin, agus gu bhith a' cumail taic ri oifigearan Iomairt na Gàidhealtachd, feuch dè mar is urrainn dhuinn ar Gàidhlig a chur gu feum," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy