|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Maoineachadh ùr don Ghàidhlig
|
||||||||||||||||||||||
Chaidh £5.29m fhoillseachadh airson pròiseict rannsachaidh eadar diofar oilthighean ann an Alba, mu choinneimh leasachadh
na Gàidhlig.
Bidh am pròiseact, air a bheil Soillse, ag amas air ath-bheothachadh a thoirt air a' chànan air feadh na h-Alba. 'S ann bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Bhòrd na Gàidhlig, agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a thàinig a' mhaoin. Thèid an t-suim a roinn eadar Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, agus OGE. Thèid an t-airgead a chleachdadh gus naoi cothroman PhD a chruthachadh, agus co-labhairt bhliadhnail a chumail gus toraidhean rannsachaidh a thaisbeanadh. Bidh an rannsachadh ag amas air stiùireadh a thoirt do dh'iomairtean sòisealta agus eaconamach an Riaghaltais Albannaich mu choinneimh na Gàidhlig. Thàinig an naidheachd agus £50,000 ga fhoillseachadh le Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, agus e a' toirt seachad Òraid an t-Sabhail Mhòir. Thuirt e gu bheil obair èiseil ro Alba, a bhith a' cruthachadh ginealaich ùir de luchd-labhairt na Gàidhlig. Bidh fòcas air na bliadhnaichean tràtha, an sgoil, agus foghlam inbheach is coimhearsnachd, fìor chudromach thuirt e, airson an amas sin a choileanadh. Thèid an t-airgead a tha MG Alba a' faighinn a chleachdadh airson làrach-lìn ùr a chruthachadh le goireasan do luchd-ionnsachaidh. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||