|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Ceist mu bhun-sgoiltean ùr Ghàidhlig
|
||||||||||||||||||||||
Dh'fhaodadh gun cur staing na h-eaconomaidh maille air planaichean airson bun-sgoiltean Ghàidhlig fa-leth a stèidheachadh
ann am Port Rìgh agus anns a' Ghearasdan.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan na planaichean an uiridh, agus bha iad a' cur romhpa an dà sgoil ùr a thogail ro 2011. Dh'aidich Cathraiche Chomataidh Ghàidhlig na Comhairle, an Comh. Hamish Friseal, gu bheil e a' coimhead gu math eu-coltach a-nis gum faigh iad air na pròiseactan a chrìochnachadh taobh a-staigh na h-ùine sin. Bha cuid de phàrantan air dragh a nochdadh mu cho beag adhartais 's a chaidh a dhèanamh thuige seo ann a bhith a' toirt a' phròiseict gu buil. Thuirt an Comh. Friseal gu robh obair a' leantainn a' sireadh làraich a dh'fhaodadh a bhith freagarrach airson nam bun-sgoiltean ùra. Suidheachadh an ionmhais Dh'aidich e cuideachd ge-tà gum faodadh dìth ionmhais, an dà chuid taobh a-staigh na Comhairle agus cuideachd aig ìre Riaghaltais, ceist a chur mun coinneamh.
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd £1.5m bhon Riaghaltas am bliadhna airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh, le gealltanas gum faigheadh iad an aon shuim a-rithist an ath-bhliadhna. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||