|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Rannsachadh ùr air Drochaid Cheasaig
|
||||||||||||||||||||||
Nì a' chompanaidh a tha os cionn càradh Drochaid Cheasaig rannsachadh as ùr, an dèidh dhan t-sluagh draghan a thogail aig
coinneimh phoblaich anns an Eilean Dubh oidhche Ardaoin.
Tha Transerve Scotland an dùil aon taobh den drochaid a dhùnadh agus an uair sin an taobh eile airson an rathad a chàradh ann an 2011. Tha an-fhois air daoine ge-tà, gur dòcha nach fhaigh iad a-null 's a-nall thar Chaolas Inbhir Nis. Fo na planaichean bhiodh càraichean a' dol gu tuath agus gu deas taobh a chèile air an aon leth den drochaid, seach le balla eatorra. Tha a' chompanaidh ag ràdh gun do thagh iad an samhradh airson na h-obrach, ri linn na h-aimsire, agus leis nach bi uidhir de thrafaig air an drochaid aig na h-amannan as trainge den là, agus mòran dhaoine air saor-làithean. Thathas an dùil gum mair an obair còig mìosan, as dèidh dhi tòiseachadh sa Mhàirt 2011. Tha dragh cuideachd air daoine mun bhuaidh a bheireadh na planaichean air seirbheisean èiginn, nam feumadh carbad-eiridinn a dhol tarsainn na drochaid aig àm thrang. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||