BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 13 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:38 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ga leudachadh
 
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Tha Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a-nis ro bheag
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh dà sheòmar a bharrachd a chur ri Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha a' bhun-sgoil, a dh'fhosgladh ann an 2007, a-nis ro bheag airson na th' ann de sgoilearan.

Nì a' Chomhairle cuideachd conaltradh air am bu chòir seòmar a bharrachd a chur ri Bun-sgoil Ghlinn Urchadain, airson aonad Gàidhlig ùr a chur ris an sgoil sin.

Ged a bha cuid de bhuill na Comhairle a' ceasnachadh am bu chòir an dà phròiseact prìomhachas fhaighinn anns a' phlana chalpa, bha a' mhòr-chuid toilichte leis na planaichean.

Feumar airgead a shireadh mu choinneimh na h-obrach a tha a dhìth.

"'S e deagh naidheachd a tha seo gu bheil againn ri seo a dhèanamh, agus gu bheil sinn aig an ìre a-nise far am faod sinn coimhead air seo," thuirt Cathraiche na Gàidhlig aig a' Chomhairle, Hamish Friseal.

Tha e mar amas aig a' Chomhairle dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a thogail air Ghàidhealtachd ro 2011.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy