|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Plèanaichean eiridinn gan iarraidh am Barraigh
|
||||||||||||||||||||||
Tha muinntir Bharraigh ag ràdh gum biodh iad na b'fheàrr le seirbheis phlèanaichean-eiridinn seach na heileacoptairean a thathas
air a bhith a' cleachdadh.
Tha iad ag ràdh gu bheil na heileacoptairean ro bheag agus a' toirt ro fhada an t-eilean a ruigsinn. Choinnich BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, agus Uisdean Dùbhghlas bho Chomhairle Choimhearsnachd a' Bhàgh a Tuath, ri Seirbheis Charbad-eiridinn na h-Alba mun chùis. Tha seirbheis an-dràsta aig an eilean às Glaschu agus Inbhir Nis. An Tràigh Mhòr "Tha sinn a' dèanamh a-mach gu bheil iad ro bheag," thuirt Mgr Dùbhghlas. "Nam falbhadh pàiste, dh'fhaodadh nach fhaigheadh na pàrantan air falbh còmhla ris a' phàiste. "Ma tha an t-sìde dona chan eil duine a' toirt dhaibh na sìde ceart aig an àm a fàg iad, air t-sàileabh 's gu bheil iad a' laighe a-niste aig an ospadal ann am Barraigh. "Bha itealan roimhe ann, Islander, agus bha e a' cumail ris an t-seirbheis glè mhath. "Bha sinn ag iarraidh rudeigin, caran an aon rud, a ghabhadh laighe air an tràigh againne am Barraigh, seach a bhith a' falbh ann an heileacoptair. "A-rithist, tha heileacoptair nas daoire a ruith na bha an t-seann itealan," thuirt e. Tha Seirbheis Charbad-eiridinn na h-Alba ag ràdh gun do sheall iad grunn thursan gu bheil piseach air a thighinn air seirbheis nan heileacoptairean-eiridinn ann am Barraigh. Thuirt iad nach eil iad an urra ris an t-sìde-mhara le heileacoptair, mar a bhiodh iad le plèana a laigheadh air an tràigh. Thuirt iad gun cùm na manaidsearan aca coinneamh phoblach ann am Barraigh 24mh den t-Samhainn, mun ath-ghinealach de charbadan-eiridinn
adhair. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||