|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Companaidh togail dòchasach mu ghniomhachas nan Eilean
|
||||||||||||||||||||||
Tha Àrd Stiùiriche tè dhe na companaidhean togail as motha sa cheann a' tuath ag ràdh gu bheil cùisean a' coimhead gealltanach
dhan ghniomhachas anns na h-Eileanan an Iar.
Thuirt Seumas Pedrana bhon bhuidhean UBCs (Uist Builders mar a chleachd a bhi orra) gu bheil cùmhnantan mòra san amharc anns na h-Eileanan a tha a' toirt dòchas dha mu staid a' ghniomhachais. Bha Mghr Pedrana a' bruidhinn 's a' chompanaidh air dearbhadh gun do choisinn iad na h-uidhear a chùmhnantan mu thràth ann an Uibhist, far an do thòisich iad. Tha iad ag obair air taighean do Chomhairle nan Eilean Siar, a bharrachd air stèisean smàlaidh ùr agus air sgeama airson a' chladach ann an Staoineabraig a dhion bhon mhuir. Thuirt a' chompanaidh gun cur na h-obraichean dion air mòran obraichean anns an sgìre. A' coimhead air adhart Ach, tha sùil Mhghr Pedrana gu math air thoiseach air a sin. Thuirt e gu bheil grùnn chùmhnantan mòra san amharc anns na h-Eileanan Siar sna beagan bhliadhnaichean ri thighinn - mar eisimpleir, cùmhnant airson na sgoiltean ùra sa sgìre a thogail - 's gu bheil miann mòr aca air co-dhiù cuid dhen obair sin a ghlèidheadh. Bhruidhinn e air an dearbh latha 's a nochd figearan ùr mu cho cugallach 's a tha gniomhachas an togail sa cheann a' tuath san fharsaingeachd. Tha Bunait Ghniomhachais an Togail an Alba ag ràdh gu bheil an crionadh anns an eaconomaidh air fìor dhroch bhuaidh a thoirt orra - le nas lugha thaighean gan togail; agus le dùil ri lùghdachadh mòr ann am buidseatan son obair phoblach, tha iadsan a' sùileachadh gun tèid cùisean am miosad. Gu dearbha, thuirt Mghr Pedrana gu bheil cùisean air a bhi gu math dona sa bhliadhna a chaidh seachad agus nach eil an gniomhachas idir mar a bha. A dh'aindeoin sin, tha e gu math dòchasach mu shuidheachadh nan Eilean Siar. Tha iad an dùil, an ceann bliadhna, gum bi feadhainn a tha ag obair dha na roinnean aca air feadh Alba an-dràsta, a' tilleadh a dh'obair anns na h-Eileanan le na bhios ann dhaibh ri dhèanamh.
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||