BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 11 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 11:54 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Deasbad na Sàbaid a' nochdadh as ùr an Leòdhas
 
Sanas aig Ionad Spòrs Leòdhais
Tha Ionad Spòrs Leòdhais an-dràsta dùinte gach Là Sàbaid
Tha an dà thaobh air ceist na Sàbaid ann an Leòdhas air a bhi a' beachdachadh air goireas spòrs air an Eilean a bhi fosgailte air an t-Sàbaid.

Tha teaghlach air an Eilean am beachd Comhairle nan Eilean Siar a thiort gu lagh leis nach fhaigh an nighean aca air snàmh aig Ionad Spòrs Leòdhais air an t-Sàbaid, ag ràdh gu bheil sin an aghaidh na còirichean daonna aca.

Thuirt fear a tha a' srì airson tuilleadh ghoireasan Sàbaid, Ùisdean MacLeòid, gu robh a thìde ann cothrom a thoirt do mhuinntir na sgìre air na h-aon ghoireasan 's a tha ri fhaighinn sa chòrr dhen dùthaich.

Ach, thuirt labhraiche Chomann Dion na Sàbaid sna h-Eileanan gu bheil cunnart an luib a bhi leigeal le na cùirtean co-dhùnaidhean a dhèanamh air ceistean mar seo.

Iarrtas Snàimh

'S ann as leth a h-ìghne Ellen, a tha Eilidh NicLeoid à Steòrnabhagh a' sireadh chomhairle laghail.

Tha i dhen bheachd gu bheil a' mhòr chuid de dhaoine ann an Leòdhas airson na goireasan fhaicinn fosgailte 's nach eil e cothromach gu bheil ionadan eile a bhuineas dhaibh ann an Uibhist is Barraigh fosgailte air an latha sin.

Thuirt fear labhairt na Comhairle gun cuireadh iad dion air a' phoileasaidh.

Dh'fhaighnich iad an robh cùirtean na Rìoghachd dha rìreabh a' dol a dh'ìnnse do dh'ughdarras ionadail, na h-uairean a bu choir dhaibh goireasan fhosgladh.

Tha seasamh na Comhairle a' faighinn taic bho Chomann Dion na Sàbaid.

Thuirt an Cathraiche aca ann an Leòdhas 's na Hearadh, an t-Urramach Iain D. Caimbeul, nach bu chòir do na cùirtean a bhi a' dèanamh cho-dhùnaidhean air ceistean ionadail mar seo.

Ach, thuirt Mghr Macleòid, a bha gu mòr a' srì cuideachd airson seirbhis aiseig seachd là a Leòdhas, gu feum a' Chomhairle èisteachd 's feart a ghabhail de bheachd a' mhòr-shluaigh ann an Leòdhas agus goireasan a tha pàighte le airgead poblach fhosgladh a h-uile latha.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy