|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Gleann Dotha gun dealain gu 2011
|
||||||||||||||||||||||
Tha a' bhuidhean a tha a' ruith ionad hydro Ghlinn Dotha, a chosg £140m, air dearbhadh nach cruthaich e dealain sam bith an
ath-bhliadhna.
Chaidh tunail a bhiodh a' giùlain uisge bho reservoir aig mullach a' chnuic gu turbine mòr, a dhùnadh sa Lùnastal le maoim-cloiche. Dhearbh Scottish and Southern Energy (SSE) gu robh e eu-coltach gun tòisicheadh iad a-rithist chun a' Ghiblinn 2011. Thuirt a' chompanaidh cuideachd gun iarradh iad cead-dealbhachaidh airson dà sgeama hydro ùr ann an 2011. Bhiodh na sgeamaichean sa Choire Ghlas os cionn Loch Lòchaidh agus aig Baile Mac Cathain os cionn Loch Nis, air a' chiad sgeamaichean "stòradh pumpaidh" ann am Breatain bho 1974. Thathas a' dèanamh feum de dhà stòrasan uisge aig diofar àrdan. Aig amanan far a bheil iarrtasan dealain gann, thathas a' pumpadh uisge bhon loch as ìsle chun a loch a tha shuas. Thathas an uairsin a' leigeal an uisge seo ma sgaoil nuair a tha iarrtasan dealain ag èirigh. 'S dòcha gu feumar tunail ùr a thogail ann an Gleann Dotha, a dhol timcheal air an fhear a tha dùinte. Dh'fhosgladh an sgeama gu h-oifigeal leis a' Bhànrigh anns an Ògmhios. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||