|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Naidheachdan 1100 11mh an t-Samhainn 2009
|
||||||||||||||||||||||
|
Seirbhisean Cuimhneachaidh Tha Bhànrighinn am-measg na chruinnich aig Abaid Westminster an-diugh a' chur cuimhne air ginealach a chaill am beatha anns a' Chogadh Mhòr agus ann am blàr an dèidh sin. Tha an turas seo gu h-àraidh tiamhaidh oir air a' bhliadhna seo chaochail an triùir mu dheireadh ann am Breatainn a bha a' sabaid anns a Chiad Chogadh. Àireamhan cion cosnaidh Chàidh an àireamh a tha gun chosnadh ann am Breatainn suas mu dheich thar fhichead mìle eadar an t-Iuchair agus an t-Sultainn. Tha da mhillean, ceithir cheud agus trì fichead mìle duine gun obair. Tha millean, ceithir cheud agus trì fichead mìle dhiubh sin a' tarraing shochairean sòisealta airson a bhith a' sireadh obrach, agus an àireamh sin suas mu thrì mìle deug. Buaireadh mun Sun Rinn Rùnaire a' Ghnothachais, am Morair Mandelson, càineadh air a' phaipear naidheachd an SUN son na rinn iad de dh'aithris air an litir, agus an teachdaireachd fòn an deidh sin, a' chuir am Priomh Mhinisteir gu màthair saighdeir a chàidh a' mharbhadh ann an Afganastan. Tha am Morair Mandelson a' fàgail air an SUN gu bheil droch bhlas air na rinn iad agus nach eil iad ach ri cleasan poileataigeach. Fo-thaghadh Se an-diugh an latha mu dheireadh ann an iomairt fo-thaghadh an Ear-Thuath Ghlaschu. Tha an roinn falamh an dèidh do sheann Labhraiche Thaigh nan Cumantan, an Làbarach, Mìcheal Màrtainn, a dhreuchd fhàgail na bu tràithe am bliadhna an dèidh sgaineal mu chosgaisean nam ball-pàrlamaid. Ionad Spòrs Leòdhais Tha boireannach à Steòrnabhagh a' toirt Comhairle nan Eilean Siar gu lagh agus i a' gearain as leth na h-ìghne aice, nach eil Ionad Spòrs a' bhaile fosgailte Latha na Sabaid. Tha Eilidh NicLeòid ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid ann an Leòdhas son gum biodh an t-ionad fosgailte air an t-Sàbaid agus nach eil e cothromach idir gu bheil ionadan eile a bhoineas dhan Chomhairle fosgailte ann an Uibhist 's Barraigh air an latha sin. Thuirt fear labhairt na Comhairle gu bheil polasaidh stèidhte aca air a' cheist agus cheasnaich e am bheil ùghdarras aig cùirt ìnnse do dh'ùghdarras ionadail dè bu chòir dhaibh a dhèanamh. Gunaire Washington Chàidh am fear air an robh am far-ainm, a Washington Sniper, a' chur gu bàs le snathad phuinnseanta aig prìosan ann am Virginia sna Staitean Aonaichte. Mharbh John Allen Muhammed agus fear eile còmhla ris deichnear dhaoine le losgadh gunna orra ann an Washington ann an 2002. Sainsburys Rinn a' chompanaidh bhùthainnean, Sainsbury, àrdachadh prothaid de dhà dheug thar fhichead anns a' cheud. Rinn a' bhuidheann trì cheud agus dà fhichead 's a dha millean nòt, ro chìsean, sna sia miosan gu deireadh an t-Sultainn. Machairean Uibhist Tòisichidh pròiseact an Uibhist anns a' Bhliadhna Ùir a tha ag amas air croitearachd a leasachadh agus am machair a dhìon. Se an RSPB, Comann Dion an Eunlaith, a tha os a chionn, 's bidh e a' ruith fad cheithir bliadhna. Bidh coinneamh air a chùis ann an Talla Dhalabroig an-nochd aig 7:30f agus ann an Talla Chàirinis an ath-oidhche aig 7:30f. Spòrs Chuir seann mhanaidsear Celtic, Màrtainn O'Nèill, a tha a-niste aig Aston Villa, taic ris a' bheachd gum bu chòir àite a' thoirt do Celtic agus Rangers ann am ball-coise Shasainn ro choinneimh a-màireach far am bi cathraiche Bolton, Phil Gartside, a' moladh structar priomh lìog Shasainn atharrachadh le àite dhan Old Firm. Tha ball coise anns a' Ghearmailt a' caoidh bàs an fhir-glèidhidh aca, Raibert Enke, a chuir às dhà fhèin nuair a chuir e an càr aige air beulaibh trèana air crois chòmhnard faisg air Hanover an-dè. Bha dùil gur e Enke, a bha 32, agus a bha a' cluich do Hanover, am fear-glèidhidh a bhiodh aig a' Ghearmailt aig Cupa na Cruinne ann an Afraca a Deas an ath-bhliadhna. Agus an dèidh dha farpais thennis a Valencia Open a' ghlèidheadh air an deireadh sheachdainn tha Andy Moireach a' cluich a' chiad gheàm aige an-nochd, anns an darna cuairt aig farpais an ATP Masters ann am Paris an aghaidh an Americanaich, Seumas Blake. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||