|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Eòrpa: Iomairt Churdach
|
||||||||||||||||||||||
Airson còrr is 25 bliadhna, tha Reubaltaich bhon PhKK air a bhith a' sabaid le airm na Tuirc. Le gach taobh a-nise a’ moladh
sìth, chaidh Iain MacAonghais bho sgioba Eòrpa dhan sgìre, a’ faighneachd dè cho faisg agus cho fìor 's a tha an t-sìth sin.
"Tha sinn a' guidhe do Dhia gun tachair seo. Tha sinn ag iarraidh sìth am measg dhaoine" – faclan màthar a chaill dithis mhac san strì eadar am PKK agus airm na Tuirc. Dh’fhalbh Saim agus Deniz Turk 'dha na beanntan.’ Sin a dh’innis am màthair, Sebriya dhuinn. Ann an ceann-an-ear dheas na Tuirc , tha sin a’ ciallachadh gur robh iad nam buill den PhKK. Tha am PKK ag ràdh gur iad buidheann de shòisealaich nàiseantach, ach a rèir Breatainn, Aimeireagaidh, an Aonaidh Eòrpaich agus NATO, ’s iad buidheann de cheannaircaich. Abdullah Öcalan Ach do phrìomhaire na Tuirc, Recep Tayyip Erdoğan, tha pian agus bron nam màthraichean a chaill an cuid-chloinne air cùlaibh na h-iomairt gus sìth fhaighinn. "Nar leigeadh Dia, chan eil dòrainn nas truime na do mhac a chall. Chan eil sinn ag iarraidh gum biodh a leithid de mhulad aig duine sam bith. Cha sheas màthair sam bith ris a leithid de chràdh." Tha an Riaghaltas aig Erdoğan a’ moladh ‘Iomairt Churdach’ – iomairt a bheireadh an tuilleadh chòraichean do Churdaich na dùthcha, gu h-àraidh ann am foghlam agus craoladh. Ach do mhàthar eile, chan eil ise idir dòchasach mun gnothach. Bhàisich mac Zeliha Çoban – Ibrahim – agus e mìos bho bhith a' crìochnachadh a sheirbheis ann an airm na Tuirc. "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sìth do-dhèanta. O chionn 's gu bheil fear-brathaidh air ar beulaibh. Chan eil mi a' toirt duine air, no fiù 's beathach. Nan canainn beathach, ‘s ann a bhithinn a' cur sìos air a' bheathach. 'S e breugaire a th’ann." Tha Zeliha a’ bruidhinn mu cheannard a' PhKK – Abdullah Öcalan. Chaidh Öcalan a chur an grèim ann an 1999, agus bhon uair sin tha e air a bhith leis fhèin ann am prìosan air Eilean Imrali far chosta na Tuirc. Ach ri linn na h-iomairt ùire, thèid e gu prìosan ùr far am bi e còmhla ri prìosanaich eile, rud a tha cur an fheirg air cuid san dùthaich.
Tha am PKK cuideachd ge-tà a’ cumail a-mach gu bheil iad a’ sireadh sìthe. Bho chionn mìos, air òrdughan a’ cheannaird Öcalan, chaidh ochdnar de bhuill na buidhne thairis air crìch Ioraic. Chaidh an saoradh leis na h-ùghdarrasan an sin cha-mhòr sa bhad. Mar as trice bhiodh iad air a bhith air an cur an grèim. Chruinnich na mìltean airson fàilte a chur orra ’s mòran dhen bheachd gu bheil seo mar chomharra gu bheil sìth air fàire. Ach am beachd phartaidhean nàiseantach na dùthcha, tha ceist mu dè cho fìor ’s a tha iomairt-sìthe na buidhne. "Ma 's e amas a' PhKK armachd a chur seachad agus stad a chur air ceannarcas, bhiodhmaidne a' cur fàilte air a sin, agus mar adhartas ann a bhith a' cruthachadh sìthe agus bunailteachd anns a’ sgìre," dh’innis iar-cheannard Partaidh Phoblaich a' Phobaill dhuinn. "Ach, tha na comharrachaidhean a’ sealltainn gu bheil rudeigin gu math eadar-dhealaichte a’ tachairt. Tha muinntir a' PhKK a thàinig tarsainn na crìche air tighinn mar thosgairean agus ag iarraidh chùmhnantan àraid. Chan urrainn dhuinn mar sin fàilte a chur air an tachartas seo." Tha Riaghaltas na Tuirc a-nis a’ bruidhinn ri Armenia, as dèidh bhliadhnaichean gun chàirdeas – rud nach biodh mòran air sùileachadh. Tha iad cuideachd a’ beachdadh air an dòigh as fheàrr air sìth leis an cuid-nàbaidhean Cìopras agus le Syria. A’ bheil Riaghaltas na Tuirc a’ feuchainn rin ìomhaigh atharrachadh, neo a' bheil na h-iomairtean seo, agus gu dearbh an iomairt Churdach mar phàirt dhen oidhirp aca faighinn a-steach don Aonadh Eòrpach? "Chan eil sinn ga dhèanamh airson ceum a ghabhail a chum an AE," dh’innis aon de phrìomh luchd-poileataics a' phartaidh riaghlaidh, an Partaidh an AK dhuinn. "Tha sinn ga dhèanamh airson gu bheil e riatanach agus gu bheil sinn a' creidsinn ann. Tha e do-dhèanta gun do thòisich sinn am pròiseas seo dìreach airson faighinn nas fhaisge air an AE." Ge bith dè an adhbhar a th’ air cùlaibh nan gluasad gu ruige sìthe, chan eil dòchas agus misneachd am measg a' mhòr-shluaigh sa cheann an ear-dheas. Ach leis an Riaghaltas ag ràdh nach bruidhinn iad idir ri Abdullah Öcalan, tha ceist mu dè cho faisg 's a dh’fhaodadh an t-sìth a bhith. Tha smachd agus cumhachd aig Öcalan air reubaltaich agus luchd-taice a’ PhKK, agus am beachd cuid, as aonais bhriathran agus taic Öcalan, cha tig sìth. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||