|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Fir-tàlaisg Leòdhais?
|
||||||||||||||||||||||
Tha teagamh air nochdadh mun fhiosrachadh a th' ann mu Fhir-tàlaisg Leòdhais.
Chaidh na pìosan ainmeil a lorg le bò air an tràghad ann an sgìre Ùige, Leòdhas, ann an 1831, agus bhathas a' dèanamh dheth gur ann don ghèama tàlaisg a chaidh an cruthachadh. Ach ann an artaigil san iris Mediaeval Archaeology, tha moladh ga chur air adhart gur dòcha gun robh barrachd air aon chleachdadh ann dha na pìosan. Tha teagamh cuideachd air èirigh gun deach an call no a thìodhlaigeadh le ceannaiche. Hnefatafl Tha na 93 pìosan air an roinn eadar Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann agus Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn. Chaidh an t-airtaigil a stèidheachadh air rannsachadh a stiùir an Dr. Dàibhidh Caldwell bho Thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha an t-artaigil ag ràdh gur dòcha gun gabhadh mòran dhiubh cleachdadh airson gèama air an robh Hnefatafl, nach eilear ga chluich tuilleadh.
"Tha sinn gun teagamh fhathast den bheachd gur ann à Lochlainn a thàinig iad, 's dòcha air an dèanamh le sgioba de luchd-ciùird ann am baile leithid Trondheim," thuirt an Dr. Caldwell. "Ach 's e fear de na rudan a tha sinn ag ràdh san rannsachadh againn, gu bheil e nas coltaiche gur ann le duine a bha a' fuireach ann an Leòdhas a bha iad, seach air am fàgail le ceannaiche a bha a' gabhail tron eilean. "Tha dàn molaidh ann bho mheadhan na 13mh linn, do dh'Aonghas Mòr Ìle, anns a bheil e ag ràdh gun d'fhuair e seata phìosan tàlaisg ìbhiri bho athair Dòmhnall - tha sin a' fàgail Aonghais mar a' chiad Dòmhnallach, agus a rèir an dàin, b'e cuideachd Rìgh Leòdhais. "Gun teagamh b'amaideach an duine a chreideadh rud bho dhàn molaidh gun cheasnachadh, ach tha sinn a' dèiligeadh ri comann a bha seo - ceannardan mòra leithid Aonghais Mhòir, easbaigean, cinn-feadhna - a chuir luach mòr ann an tàlaisg, agus a bha ga faicinn mar fhear de na sgilean aca," thuirt e. Tha an Dr. Caldwell ag ràdh gu bheil na pìosan a' sealltainn gun robh beartas mòr anns na h-Eileanan Siar anns an 13mh linn, leis gun robh luach na b'àirde air fearann lom a dh'fhaodadh crodh a chumail. "'S e briseadh dùil a bhiodh ann dhomh an loidhne mu dheireadh a sgrìobhadh mu na pìosan. Tha mi an dòchas gun do dh'fhosgail sinn an deasbad, 's gun do sheall sinn gun gabh rudan ùra a lorg fiù 's le rudan a tha gu math aithnichte," thuirt e. De na 93 pìosan a chaidh a lorg, tha 82 ann an Lunnainn, agus 11 ann an Dùn Èideann. Tha iomairt air a bhith a' dol airson na pìosan a thilleadh gu Leòdhas. |
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||