BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 10 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:51 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Ospadal ùr san amharc ann am Barraigh
 
Ospadal an Naoimh Bhrianain, Bàgh a' Chaisteil
Thogadh Ospadal an Naoimh Bhrianain ann an 1980
Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' dèanamh sgrùdaidh air molaidhean gus ospadal ùr a thogail ann am Barraigh.

Chaidh sin innse do choinneimh phoblaich san eilean oidhche Luain.

Tha ùine air a bhith ann bho chaidh a dhearbhadh gu bheil Ospadal an Naoimh Bhrianain ann an droch staid, agus gu bheil feum air a leasachadh.

Chaidh an t-ospadal a thogail ann an 1980.

Aig a' choinneimh chualas cuideachd mu phlanaichean gus dachaigh chùraim ùr a chur an luib an ospadail.

Dh'fhàgadh sin gun robh seirbheisean slàinte agus sòisealta an eilein gu lèir anns an aon àite.

Am measg nan draghan a bh' air na daoine a bha an làthair aig a choinneimh, bha na bhiodh de leabannan ri fhaotainn anns an ionad ùr.

Chan eil dùil gum bi co-dhùnadh deireannach ann a thaobh cuin a thèid leithid de phròiseact seo air adhart gu foghar 2010.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Ospadal ùr do Bharraigh?
09 An t-Samhain, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy