BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 09 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 12:35 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Iomagain an Ìle mu Bhanca na h-Alba
 
Suaicheantas Banca na h-Alba
Cha bhith duine bhon a' bhanca aig a' choinneamh.
Tha fearg air daoine ann an Ìle 's Banca na h-Alba am beachd an aon mhanaidsear bancadh gnothachais anns an eilean a ghluasad bhon eilean.

Dh'innis am banca dha na gniomhachasan a tha ga'm frithealadh an Ìle, gu bheil iad a' gluasad an neach a tha dèanamh na h-obrach.

Thuirt am banca ma tha gniomhachasan feumach air bancair gnothachais gum bu chòir dhaibh fònadh gu oifisean air tir-mòr no seirbheis eadar-lion a chleachdadh.

Tha feagal gun dèan seo cron air gnìomhachasan an eilein, air sgath's nach bi an aon seorsa co-fhaireachdain ann 's a bha aca leis am bancair a bha an Ìle agus nach bi an aon seorsa seirbheis ga thoirt seachad.

Theid coinneamh a chumail anns a' Bhogha Mhòr mu dheidhinn a-nochd le cuid anns an eilean a tha airson iomairt a chur air chois son an obair a shàbhaladh dhan eilean.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy