|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
100 cosnadh ùr san amharc an Leòdhas
|
||||||||||||||||||||||
Tha fàilte ga cur air an naidheachd gu bheil a' chompanaidh-èisg Lighthouse Caledonia a' sireadh cead-dealbhachaidh airson
factoraidh ùr a thogail an Àranais air iomall Steòrnabhaigh.
Tha iad an dòchas gum bi an fhactoraidh, a chosgas £5m, fosgailte as t-samhradh an ath-bhliadhna. Bha factoraidh eile aca ann am Marybank ann an Leòdhas mus do dhùin i sin san Dùbhlachd an uiridh. Tha a' chompanaidh a-nis fo stìureadh ùr. Tha Lighthouse Caledonia ag ràdh gum faodadh an fhactoraidh ùr aca cosnadh a chumail ri ceud duine. Bha sia fichead duine 's a deich ag obair aca roimhe. 'S e an staing-airgid anns an robh a' chompanaidh aig deireadh na bliadhna an uiridh a thug orra factoraidh Steòrnabhaigh a dhùnadh. Thuirt fear-labhairt na companaidh gu bheil iad a-nis a' sireadh airgid airson a' phròiseict agus gum bi iad a' sùileachadh airgid bhon Roinn Eòrpa. Fàilte Bha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill a-measg na rinn toileachas ris an naidheachd. Thuirt e gum feumadh a' chompanaidh a h-uile cuideachadh fhaighinn airson na planaichean aca a thoirt gu buil. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||