BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 06 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 11:42 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Ìmpidh air an Riaghaltas mu cheist an fhearainn
 
Na Hearadh
Strì a dhìth ann an iomairt an fhearainn
Tha e a' fàs nas coltaiche gun tèid buidheann a stèidheachadh anns na h-Eileanan Siar a riochdaicheas coimhearsnachdan a fhuair sealbh air an cuid fearainn.

Tha seo a' tachairt aig an dearbh àm 's a tha Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ìmpidh barrachd spionnaidh a chur ann an iomairt an fhearainn.

Tha dragh air a bhith ann bho chionn ghoirid gu bheil nas lugha choimhearsnachdan a-nis a' cur rompha sealbh fhaighinn air an cuid fearainn.

 Chan eil cùisean a' stad le dìreach am fearann a cheannach, 's e an uair sin dè na cothroman a th' ann feum a dhèanamh dheth.
 
Agnes Rennie, Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn

Tha Agnes Rennie, a tha na cathraiche air Urras Oighreachd Ghabhsainn, ag ràdh gum feum e a bhith air a dhèanamh nas soilleire do choimhearsnachdan dè an taic a tha ri fhaotainn dhaibh.

Tha cho gann 's a tha an t-airgead airson pròiseactan dha leithid cuideachd na adhbhar dragh dhan a' Chomh. Rennie.

"Chan eil, leis an t-seòrsa suidheachadh a th' aig na Comhairlean fhèin, chan urrainn dhaibh-san dìreach seasamh a-staigh agus a dh'aindeoin 's dè cho iomchaidh 's a tha iad a' coimhead sin, chan urrainn dhaibh an t-airgead neo an cuideachadh a lorg" thuirt i.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy