BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 05 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:37 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Ball-pàrlamaid a' dol an sàs ann an ceist Hiort
 
Hiort
Bha trì àitean gu sònraichte air a bhith fon phrosbaig
Sgrìobh ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill gu àrd-oifigear Chomhairle nan Eilean Siar às dèidh mar a nochd connspaid mu mholadh gur ann am Mangurstadh ann an Leòdhas a bu chòir Ionad-taisbeanaidh ùr Hiort a bhith air a stèidheachadh.

Chaidh Mangurstadh ann an sgìre Ùige a thaghadh air thoiseach air Cleitreabhal ann an Uibhist a Tuath agus an t-Ob ann an ceann a deas na Hearadh airson an ionaid le buidhean-rannsachaidh a bha a' sgrùdadh nan diofar thairgsean.

Mìneachadh

Tha buidhean-strì na Hearadh air cur gu làidir an aghaidh seo ge-tà 's iad a' gearain gun deach na slatan-tomhais fon deach na tairgsean a mheasadh atharrachadh letheach-slighe.

Dh'fhàg sin, nam beachd-san, nach deach cothrom na fèinne a thoirt dhan tagradh aca-san.

Tha Mgr MacNèill a-nis air sgrìobhadh gu àrd-oifigear na Comhairle, Calum Burr, ag iarraidh gun deadh coimhead a-rithist ris a' phròiceas-taghaidh.

Dh'iarradh e gum mìnicheadh a' bhuidhean-rannsachaidh, Jura Consultants, na h-adhbharan air an do stèidhich iad am moladh gur ann ann an Ùig a bu chòir dhan ionad a bhith.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Buaireadh mu Ionad ùr Hiort
02 An t-Samhain, 2009 | Naidheachdan
Hearaich ag iarraidh sùil ùr air làrach ionad Hiort
03 An t-Samhain, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy