BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 03 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 17:36 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Tùr Chrombail ga leasachadh
 
Tùr Chrombail
Thòisich a' togail an tùir ann a 1652
Theid an aon tùr a tha air fhàgail de ghearasdan a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis le feachd Oilibheir Chrombail a leasachadh.

Thòisichear a' togail a' ghearasdain aig caladh a' bhaile ann an 1652 agus chosg e £80,000.

Bha Crombail airson smachd a chumail air a' Ghàidhealtachd, s' bhiodh mu mhìle saighdear stèidhichte aig a' ghearasdan.

Nuair a chaidh an Crùn a thilleadh dhan an Rìgh Tearlach II ann an 1660, cha robhas a' faicinn feum son a' Ghearasdain, 's mar sin dhùin iad e.

Drochaid Nis

A reir choltais, chaidh na clachan a chleachdadh son Drochaid Nis a thogail.

Chan eil an làrach a-nis ach a' coimhead robach, le ionad ola mòr aig BP ann, agus an tùr beag faisg air laimh.

Chur Eachdraidh Alba an aghaidh a' bheachd an tùr a ghluasad gu àite nas tlachdmhoire, 's nas goireasaiche, a bhiodh a' tàladh luchd-turais.

Thuirt iad gu bheil seo air sgath's gur e togalach sònraichte aig ìre B a th'ann, 's cha bhiodh e freagarach, le riaghailtean glèidhteachais, an tùr a thoirt as a cheile 's a ghluasad.

Dh'aontaich comhairlichean Inbhir Nis gum bu chòir leasachadh a dhèanamh air ge-tà, agus thèid dà fhichead mìle not a chosg. Am measg na thèid a dhèanamh, cuiridh iad an-sàs solais ùra son a shoilearachadh air an oidhche, agus s' dòcha gun tèid an cleoc a chàradh.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy