BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 02 An t-Samhain, 2009 - Air fhoillseachadh aig 15:46 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Duais dhan a' Chlò Mhòr
 
Luchd-obrach Clò Hearach Innse Gall
Seo an darna duais fhasain a fhuair a chompanaidh am bliadhna.
Chaidh Clò Hearach Innse Gall ainmeachadh mar a' bhuidheann a thug a' bhuaidh is motha air fasan agus stoidhle an Alba am bliadhna.

Bha Stiùraiche Cruthachail na buidhne, Mark Hogarth am measg an luchd-obrach a bha an làthair aig Duaisean Stoighle na h-Alba ann an Glaschu air an deireadh sheachdain.

Tha esan air a bhith ag obair ann a co-bhanntachd le dealbhadairean fasain leithid Deryck Walker agus Judy Clarke- dithis a chleachd clò à muileann Shiaboist anns na taisbeanaidhean soirbheachail aca.

Molladh Westood

Thuirt Mgr Hogarth gur e aodach air leth a th'anns a' chlò, agus gum bu choir dhan a h-uile duine aon phìos aodach clò a bhith aca anns a phreasa.

Chaidh Clò Hearach Innse Gall a' stèidheachadh sna h-eileanan ann an 2007 nuair a chaidh muileann Shiaboist fhosgladh as ùir airson ùidh a bhrosnachadh san aodach air feadh an t-saoghail.

Rinn an dealbhadair, Vivienne Westwood, moladh mòr air a' Chlò Mhòr aig an fhèis nuair a fhuair ise duais son a bhith mar 'Style Icon', 's i ag ràdh gun robh a' chlò a'cordadh rithe glan.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy