|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Fearg ann am Barraigh mu choinneamh SNH
|
||||||||||||||||||||||
Tha daoine ann am Barraigh mì-thoilichte le mar a chàidh le coinneamh a chùm Dualchas Nàdair na h-Alba air an eilean oidhche
Dhiardaoin.
Bha a' bhuidhean àrainneachd air coinneamh a chur air dòigh air an eilean, mar a bhios iad a' dèanamh fad an t-siubhail air feadh na dùthcha, a bhruidhinn mun obair aca anns an sgìre. Tha dragh mòr ann am Barraigh mu phlana, anns a bheil SNH an-sàs, airson sgìrean mara glèidhte a stèidheachadh far chladaichean an eilein, agus timcheal Mhiùghlaigh. Nochd mòran aig a' choinneamh a-raoir 's iad am beachd draghan mun sgeama a thogail le SNH. Ach, nuir a chàidh a ràdh gu robh iadsan mu thràth air fiosrachadh mun phlana a chur chun an Riaghaltais, 's nach biodh iad a' bruidhinn gu sònraichte air a' chùis, dh'fhàg cuid a' choinneamh. Tha a' bhuidhean ag ràdh gur e coinneamh mì-fhoirmeal a bh'ann 's nach robh iad am beachd idir gur ann mu SACs a bhiodh e, ged a thuirt riochdaire na buidhne gu do bhruidhinn iad gu mionaideach mun phlana ri cuid a bh'aig a' choinneamh. Mì-thoileachas Bha fearg air cuid mu mar a chàidh a' choinneamh a laimhseachadh, mar Màiri Bell Nic a' Bhreatanaich. Thuirt i às dèidh na coinneamh nach robh i a' faicinn carson a bha a' choinneamh ann idir. "Fhuair sinn a-mach a-nochd gun do chur iadsan [SNH] am beachdan fhèin a cheana, chun an Riaghaltais. So, chan eil mi faicinn carson a bha sinn ann an seo, cha robh e a' dol a dhèanamh diofar sam bith".
Tha dragh mòr air iasgairean nan Eilean gu h-àraid mun bhuaidh a bheir sgìrean mara glèidhte air am beò-shlàint-san agus ron a' choinneamh bha bràtaich an-crochadh air an Eilean a' cur an aghaidh nam molaidhean. Tha beachd ann nach d'fhuair daoine an cothrom a bha iad ag iarraidh na draghan aca a thogail gu dòigheal le SNH, 's gu robh a' choinneamh gun fheum. Coinneamh Feumail Tha Dualchas Nàdair na h-Alba, ge ta, a' dol às àicheadh gu robh a' choinneamh gun fheum. Thuirt labhraiche gu robh deagh chòmhraidhean ann mu dheidhinn planaichean nan SACs aig a' choinneamh 's ged a bha mì-chìnnt ann aig an toiseach mu cò dìreach ma dheidhinn a bha a' choinneamh, gu robh i gu math feumail aig a' cheann thall. Dh'aidich a' bhuidhean gu robh iad air am fiosrachadh a chur chun an Riaghaltais, ach thuirt iad nach e pròiseas cò-chòmhairleachaidh foirmeal a bha a' dol mu na planaichean aig an ìre-sa. Thuirt iad gu do rinn iad an dìcheal dèanamh soilleir nach ann a dh'aona ghnothaich a thighinn a bhruidhinn mu dheidhinn SACs a bha iad.
Thuirt fear-comhairleachaidh ionadail SNH anns na h-Eileanan Siar, Iain MacFhionghainn, gun teid feart a thoirt air beachd nan eileanach nuair a tha na SACs gan deasbad aig ire Riaghaltais. "Ma se rud 's gun tèid sinn gu, mar a chanas iad 'official consultation', ma thèid e chun a sin, thèid aire a thoirt dhan a sin cuideachd". |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||