BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 26 An Dàmhair, 2009 - Air fhoillseachadh aig 12:04 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Co-chomhairleachadh mu BhBC Alba
 
Suaicheantas BhBC Alba
Thòisich an t-sianal Gàidhlig bho chionn bliadhna
Tòisichidh Urras a' BhBC air rannsachadh mar a tha a' dol dhan t-sianal telebhisein BBC Alba Diluain.

Mar phàirt den aonta a thug cead don t-sianal a dhol air adhart san t-Sultain 2008, bha gum biodh rannsachadh ga dhèanamh air as dèid aon bhliadhna.

Thèid coimhead gu sònraichte air dà chuspair: co-dhiù a bheil an t-sianal a' còrdadh ri daoine aig nach eil Gàidhlig a bharrachd air daoine a bhruidhneas an cànan; agus a bheil e a' cuideachadh le foghlam.

Thèid coimhead cuideachd air an gabh an t-sianal a chur air Freeview.

Tha prògraman an t-sianail rim faotainn an-dràsta air Sky, Freesat agus BBC iPlayer.

Nan deadh an t-sianal a chur air Freeview, dheadh stèiseanan rèidio a' BhBC Radio 1, 2, 3 agus 4, a bharrachd air 5Live, Radio Alba agus Seirbheis na Cruinne, a thoirt far Freeview eadar 5:00f agus 11:00f gach là.

Bi mu 220,000 duine a' coimhead BhBC Alba gach seachdain - 4% de shluagh na h-Alba.

Air a chur còmhla ris na prògraman Gàidhlig air BBC 2, tha luchd-amhairc de 860,000 duine ann - 21% de shluagh na h-Alba.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy