BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 22 An Dàmhair, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:36 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Leabhar ùr mu mhinistear iomraiteach Ghàidhealach
 
An t-Urr. Eardsaidh Cook
Bhiodh an t-Urr. Cook a' searmoineachadh do na mìltean dhaoine sa Ghàidhlig
Tha eachdraidh-beatha fear de na ministearan soisgeulach as iomraitiche a bha riamh air a' Ghàidhealtachd ga foillseachadh an t-seachdain seo.

Bhiodh an t-Urr. Eardsaidh Cook, a bh' ann an Inbhir Nis agus ann an Deimhidh anns an 19mh linn, a' searmonachadh do chruinneachaidhean de na mìltean dhaoine.

Aig an àm a bha e beò, b' iad daoine ainmeil a bh' ann am mininstearan dhe shamhail, agus iad urramaichte am measg an t-sluaigh.

Fiù 's san là a th' ann, bidh Gàidheil a' leughadh leabhraichean de na searmoinean Gàidhlig a rinn e, ged a bhàsaich an duine ann an 1865.

Ar-a-mach Spioradail

Bhuinneadh e do dh'Eilean Arainn o thùs, far an do rugadh e ann an 1788, beagan is 40 bliadhna as dèidh Chùil Lodair.

Anns a' chiad choithional aige ann an Gallaibh, bhiodh e a' searmonachadh ris na ceudan dhaoine anns a' Ghàidhlig - dearbhadh gun robh an cànan uair gu math làidir san sgìre.

Ghluais e an uair sin a dh'Inbhir Nis, far an robh e na chiad mhinistear air Eaglais a Tuath a' bhaile, a chaidh dhan Eaglais Shaoir aig àm an dealachaidh - am Free North an-diugh.

B' ann an Srath Narann a rinn Cook ainm dha fhèin ge-tà, ann an coithional Dheimhidh.

Tha an eaglais anns an robh e a' searmonachadh fhathast ann, ann am Fàrr, ged nach fhada gus an tèid a ceannach agus a dèanamh na taigh-còmhnaidh.

Tha a chliù agus ainm fhathast beò anns an sgìre, agus meas mòr aig daoine air.

Eaglais Shaor Fàrr
Cha robh rùm anns an eaglais don t-sluagh aig na h-òrdaighean

"Chuala mi mòran sgeulachdan mu dheidhinn an Urr. Eardsaidh Cook nuair a bha mi òg bho m'athair," thuirt Uilleam Foibeis, à Srath Narrann.

"'S ann anns a' bhliadhna 1867 a rugadh mo sheanair, agus bha na pàrantan aige a' dol dhan eaglais seo eadar na bliadhnaichean 1844 agus 1865 nuair a bhàsaich an t-Urr. Cook.

"'S e ar-a-mach mòr spioradail agus cultarail a bh' ann, agus bha sluagh gu math mòr a' dol dhan eaglais a h-uile Sàbaid.

"Gach òrdaighean, bha sluagh cho mòr ann 's nach robh space gu leòr anns an eaglais, agus bhiodh e a' dol a shearmonachadh a-muigh air a' chnoc," thuirt e.

Tha e air a chlàradh gum biodh suas ri 1,000 duine aig seirbheisean comannachaidh taobh a-muigh na h-eaglaise ann am Fàrr.

Aig comannachaidhean eile air feadh na Gàidhealtachd, far am biodh Cook còmhla ri soisgeulaichean ainmeil eile leithid MhicRath a' Chnuic Bhàin, thigeadh mu thrì no ceithir mìle.

Fiù 's anns na h-Eileanan Siar, bha na searmoinean sgrìobhte aige a' toirt buaidh mhòir a-steach dhan 20mh linn.

"Tha mi a' meas gur màth'te gun robh an leabhar a bha sin anns a' chuid a bu mhotha de dhachaighean ann an sgìre Nis aig an àm sin, bhon a bha e air a sgrìobhadh anns a' Ghàidhlig," thuirt Tormod Mac a' Ghobhainn.

"Tha mo chuimhne fhèin a' dol air ais gu mo sheanmhair fhìn, agus tha cuimhne agam an dà leabhar a bhiodh aice ri raobh a sèitheir anns an robh i na suidhe ri taobh an teine.
"'S e sin an Tiomnadh Nuadh anns a' Ghàidhlig, agus leabhar searmoinean Eardsaidh Cook.

Ged a tha àite sònraichte aig Eardsaidh Cook ann an eachdraidh an h-eaglaise, cha robh làn-eachdraidh-beatha sgoilearach sgrìobhte ann thuige seo.

Tha sin a-nise air a chur ceart, agus am fear-naidheachd Tormod Caimbeul air na th' ann de dh'fhiosrachadh a chruinneachadh còmhla, as dèidh mar a ghabh e ùidh sa chuspair na fhear òg.

"Bha sinn a' fuireach ann an Ceann Loch Cille Chiarain nam òige, agus bha uinneagan an taighe a' sealltainn thairis air Loch Cille Chiarain, seachad air Eilean Dà Bhàrr, a-null a dh'Eilean Arainn," thuirt Mgr Caimbeul.

"Nuair a lorg mise fear de leabhraichean shearmoinean Gàidhlig Eardsaidh Cook, agus a' cladhach annta le cuideachadh faclair Dwelly, 's e sùileachan a bh' ann dhomh, agus ghabh mi ùidh ann bhon uair sin," thuirt e.

Thèid teachd-a-steach an leabhair uile gu dachaigh chùraim Bethesda ann an Steòrnabhagh.

 
 
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy