|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Pròiseact ùr le faclair Gàidhlig air-loidhne
|
||||||||||||||||||||||
Chan fhada bho chaidh faclair Dwelly a chur air-loidhne, agus cothrom aig daoine am faclair a sgrùdadh bho Bheurla gu Gàidhlig
airson a' chiad turais riamh.
Tha an dithis a rinn an obair sin, Uilleam MacDhonnchaidh à Siorrachd Pheairt, agus Mìcheal Bauer à Glaschu, a-nis air am pròiseact aca a ghluasad air adhart. Tha Am Faclair Beag, mar a tha iad a' gabhail air, a' gabhail a-steach barrachd is Dwelly fhèin, agus cothrom aig daoine a-nise air bhòtadh co-dhiù a bheil facal ann an cleachdadh an-diugh gus nach eil. Feumar cunntas fhaighinn air an làrach-lìn air son sin a dhèanamh, agus iad airson 's gur iad daoine a tha fìor fhileanta a ghabhas pàirt anns a' phròiseact. Faclair Fuaime Bha an sgioba airson cùisean a dhèanamh nas sìmplidhe do dhaoine faclan a lorg. "Aig an àm seo ma tha thu a' lorg facail, feumaidh tu tionndadh gu, can, Colin Mark, agus Dwelly ann an clò, agus 's dòcha faclair clò-bhuailte no dhà eile," thuirt Mìcheal Bauer. "An uair sin tha Stòr-dàta ann, agus tha Dwelly-d ann, agus rudan eile air an eadar-lìon. So tha briathrachas sgapte air feadh an àite. "Tha sinn airson rudan a thoirt cruinn anns an aon àite. "Tha sinn a' cur ris an fhaclair a h-uile là, so bidh barrachd rudan ann. "Chuir sinn goireas an sàs - Rionnagan Bhòtaidh a tha sinn a' gabhail air. "Ma tha cunntas agad leis an Fhaclair Bheag, 's urrainn dhut logadh a-steach agus an uair sin ma tha thu a' lorg facail, agus nuair a gheibh thu na torraidhean, 's urrainn dhut bhòtadh air na faclan sin. "'S urrainn dhut beachd a thoirt seachad leithid "chan eil mi eòlach air an fhacal seo," no "tha mi eòlach air an fhacal seo, 's tha mi ga chleachdadh" is rudan mar sin," thuirt e. Chan ann aige sin a stadas an gnothach. Thathas ag amas air a leasachadh mar fhaclair fuaime, le faidhlichean fuaime a dh'innseas do dhaoine mar a tha faclan air am fuaimneachadh.
"Chan eil mòran fuaime ann fhathast, ach tha sinn a' cur an cèill fuaimneachadh nam faclan ann an IPA (Abaidil Phoneatach Eadar-Nàiseanta) an toiseach, ach an uair sin bidh cuideachd faidhlichean fuaime ann. "'S urrainn do dhaoine - gu h-àraid luchd-ionnsachaidh - èisteachd ri fuaimean nam faclan seach dìreach coimhead air na faclan. "Tha sinn cuideachd a' cur ann fiosrachaidh mar fhuaimneachadh eadar-dhealaichte aig na dual-chaintean mar eisimpleir," thuirt e. Chan e pròiseact a th' ann a tha a' faighinn maoineachaidh, agus an dithis air a mhaoineachadh iad fhèin. Tha iad fhathast ag amas air am pròiseact a leudachadh, a dh'aindeoin sin. "Cha d'fhuair sinn maoineachadh idir - dìreach mar a thachair le Dwelly-d. "Tha sinn airson faclan ùra a chur ris an fhaclair, agus abairtean ùra anns a' chiad dol-a-mach. "Nuair a bhios sinn a' clàrachadh dhaoine aig am bi cead-bhòtaidh anns an fhaclair, tha sinn a' clàrachadh dè an dual-chainnt a th' aca, agus anns an àm ri teachd tha dùil againn ri mapaichean a chur ri chèile, gum faic thu air mapa dè na faclan a tha daoine a' cleachdadh anns na h-àiteachan eadar-dhealaichte ann an Alba," thuirt e. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dwelly air a thionndadh 's ga chur air loidhne16 Am Faoilleach, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||