17 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:41 BST
Thathar a' càineadh Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba an dèidh mearachd a dh'fhàg gun deach plèana a chur a-mach a dh'eilean air a' chosta an iar an àite do dh'euslainteach nach robh ach beagan slatan air falbh bho Ospadal an Òbain.
'S e bu choireach gun robh ainm an eilein agus ainm na sràide gu math coltach ri chèile.
Bha NHS 24 air iarraidh gun deadh carbad-eiridinn a chur gu Rathad Fladda san Òban.
Ach fhad 's a bha an duine a bha bochd a' feitheamh, dh'fhalbh sgioba an heileacoptair-eiridinn, air chosgais £1,000, gu taigh ann am Fladda air Eilean Luinn.
Nuair a dh'fhaillich orra an t-euslainteach fhaighinn, dh'fhòn iad chun na h-oifis aca airson faighinn a-mach gun deach an cur dhan àite cheàrr, agus gum bu chòir do charbad àbhaisteach a bhith air a chur a-mach gu Rathad Fladda san Òban, dìreach pìos beag air falbh bho ospadal a' bhaile.
Ghabh Seirbheis nan Carbadan-eiridinn ris gun do rinn an luchd-obrach aca mearachd agus thuirt iad gun dèanadh iad sgrùdadh air na thachair gus dèanamh cinnteach nach tachradh e a-rithist.