http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

17 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:02 BST

Corp ga lorg sa Chuan a Tuath

Tha luchd-teasairginn air corp a lorg sa Chuan a Tuath, far an robh iad a' coimhead airson duine a bha a dhìth bho chlàr-ola.

Chaidh an duine fhaicinn mu dheireadh mu 11:30m Dihaoine, air clàr-ola Brent Delta, mu 120 mìle an ear-thuath air Sealtainn.

Bha luchd teisiriginn o Alba agus Nirribhidh an sàs san iomairt.

Tha trì heileacoptairean a' coimhead air a shon, le cuideachadh bho phlèana Nimrod bhon RAF ann an Ceann Lois.

Tha aithrisean ag ràdh gun robh a' mhuir socair, ciùin.