http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

15 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 12:10 BST

Strì an aghaidh SAC mu uisgeachan Bharraigh

Chuir na ceudan an ainmean ri ath-chuinge a tha a' feuchainn ri stad a chur air planaichean gus dà sgìre ghlèidhte aig muir a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh agus faisg air Miughalaigh.

Am beachd an luchd-iomairt, dhèanadh leithid de chomharrachadh cron mòr air obair an iasgaich san sgìre.

Tha iad ag ràdh nach d' fhuair iad dearbhadh fhathast gur ann às an Roinn Eòrpa, seach à Dùn Èideann, a thàinig am moladh.

Mar a tha an luchd-strì a' tuigsinn a' ghnothaich ged a bhios an Roinn Eòrpa a' putadh seo, 's ann a tha e an urra ri Riaghaltas na h-Alba na h-àiteachan a thaghadh.

Mì-chinnt

"Tha SNH air Caolas Bharraigh agus taobh an ear Mhiughalaigh a chur air thoiseach, air am beulaibh, ach tha iomadach àite eile a dh'fhaodadh iad coimhead air," a rèir fhir-labhairt na buidhne-strì, Aonghas MacLeòid.

"Ach tha iad air an rannsachadh cheana a dhèanamh ... agus tha iad a' smaoineachadh gu bheil gu leòr an sin airson a ràdh ris an Riaghaltas gu bheil e math gu leòr airson a chur air aghaidh."

Beachd an t-sluaigh

Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' feitheamh air comhairle bho SNH air am bu chòir dha na sgìrean glèidhte a dhol air adhart.

Nì ministearan co-dhùnadh an uair sin an tèid beachdan an t-sluaigh a shireadh.

Thuirt e cuideachd fiù 's nan deadh na làraichean a stèidheachadh nach toireadh iad buaidh air iasgairean.