10 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 11:52 BST
Rinn Oighreachd a' Chrùin prothaid de chòrr is £220m an-uiridh a dh'aindhèòin 's gun do thuit luach nan togalaichean is an fhearainn aca.
Feumaidh duine neo gnìomhachas sam bith a tha a' cleachdadh grunnd na mara màl a phàigheadh do dh'Oighreachd a' Chrùin.
Tha sin a' toirt a-steach chidheachan, chalaidhean, thuathanasan èisg agus leasachaidhean eile.
Choisinn a' bhuidheann faisg air £50m leis a' mhàl a tha iad a' faighinn airson grunnd na mara.
Tha iad a' sùileachadh tuilleadh cosnaidh a dhèanamh à leasachadh chumhachd ath-nuadhachail aig muir.
Ge-tà tha ùghdarrasan cala agus tuathanasan èisg a' gearain nach eil na sgìrean às a bheil teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin a' tighinn, a' faighinn buannachd às a' phrothaid mhòir seo, leis gur ann gu Roinn an Ionmhais a tha i a' dol.