http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

10 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:59 BST

Allan ag iarraidh 3G don cheann a tuath

Tha Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan ag iarraidh gun tèid siostam conaltraidh 3G nam fònaichean-làimhe a sgaoileadh air feadh a' chinn a tuath.

Tha an siostam a' toirt cothruim do dhaoine a dhol air an eadar-lìon tro na fònaichean-làimhe, ach 's e glè bheag de na sgìrean iomallach anns a bheil e ri fhaighinn.

Tha Mgr Allan ag ràdh gun toireadh e cothrom do dhaoine ann an sgìrean far nach eil am bann-leathann ri fhaotainn a dhol air an eadar-lìon le bhith a' ceangal a' choimpiutair-uchd aca ri fòn-làimhe le dongail.

Tha e ag ràdh gum feumar an siostam a chur an sàs an-dràsta, fhad 's a tha e ùr gu leòr.

"Tha am mapa geal, chan ann dìreach air a' Ghàidhealtachd, ach anns na Crìochan agus tòrr àiteachan eile ann an Alba.

"Tha e a' dèanamh na h-argamaid tha mi a' smaoineachadh, gu bheil e cudthromach gum bi 3G ag obrachadh ann an Alba an-diugh, 's chan ann dìreach an ceann deich bliadhna nuair a bhios e seann-fhasanta.

"Chan eil e ceart gu bheil, mar eisimpleir, faisg air a' Ghàidhealtachd air fad, na h-Eileanan, na Crìochan agus tòrr bhailtean ann am Meadhan na h-Alba eadhon, gun an t-seòrsa fòn-làimhe as ùire a th' ann," thuirt e.