|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Baile ùr san amharc ann an Slèite
|
||||||||||||||||||||||
Tha Urras Chlann Dòmhnaill san Eilean Sgitheanach an dùil baile ùr a thogail ann an Slèite.
Bhiodh am baile sa Chille Bhig, agus timcheall air Sabhal Mòr Ostaig, le suas ri 30 taigh gan togail sa chiad deich bliadhna. Bhiodhte an dùil an àireamh sin a dhùblachadh an ceann 20 bliadhna, le ionadan iomairt an cois an leasachaidh. Tha an t-Urras a' sireadh bheachd air na dh'iarradh daoine anns a' bhaile ùr. Eaconamaidh Chan eil cead-dealbhachaidh ann dhan sgeama aig an ìre seo. "Tha iarrtas air a bhith ann airson bhliadhnaichean," thuirt Stiùiriche Leasachaidh an Urrais, Tormod MacIll'Ìosa. "Tha diofar seòrsaichean taigheadais a dhìth ann an Slèite, chan eil e cho sìmplidh ri bhith ag ràdh gur e taighean air màl saor a tha a dhìth. "Tha taighean air màl a dhìth, 's tha taighean a thogas daoine fhèin a dhìth, 's tha taighean aig ìre gu math àrd a dhìth cuideachd," thuirt e. Tha rannsachadh a' dol an-dràsta airson cead-dealbhachaidh fhaighinn, a chosgas mu £350,000. Tha an t-Urras an dòchas gum bi sin seachad ann ceann 11 mìos, leis an togail ga thòiseachadh an ceann 18 mìosan no dà bhliadhna. Thèid beachdachadh an uair sin air na chosgas an sgeama fhèin, 's mar a thrusar an t-airgead sin. Tha iad an dòchas nach toir staid na h-eaconamaidh cus buaidh air an sgeama. "Chan e seo an t-àm a thaghadh tu nam biodh tu a' smaoineachadh anns an dòigh cheart, 's tha mi glè chinnteach gum bidh e nas duilghe airgead a lorg aig an ìre seo," thuirt Mgr MacIll'Ìosa. "Ach a-rithist, 's e sgeama gu math inntinneach agus cruthachail a th' ann, agus bhiodh sinn an dòchas gum biodh daoine a' faicinn sin, agus gum biodh an deòn ann an t-airgead a thoirt dhuinn a tha a dhìth," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||