BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 18 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 13:49 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Trioblaidean einnsein air aiseag Sàbaid
 
MV Isle of Lewis
Tha obair càraidh ga dhèanamh ann an Steòrnabhagh
Bidh a' chiad sheirbheis Shàbaid a Leòdhas nas tràithe na bhathas an dùil - aig 0300.

Bha dùil gum biodh a' chiad seòladh ann aig 1430 ach chaidh clàr-ama na deireadh seachdainn a chuir bun os cionn nuair a bhris an Isle of Lewis.

Chaidh bàta nas lugha, MV Isle of Arran, a chuir na h-àite.

B' fheudar seòladh a bharrachd a chuir air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul Disathairne, a' ciallachadh nach ruig an t-seirbheis mu dheireadh gu tràth madainn na Sàbaid.

Aiseag Sàbaid

Dh' innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn an t-seachdain-s' gu robh iad a' tòiseachadh aiseag Sàbaid eadar Steòrnabhagh agus Ulapul Didòmhnaich son a' chiad uair a-riamh.

Bha dùil aig Caledonian Mac a' Bhruthain gur e MV Isle of Lewis a bhiodh air an t-slighe, ach chaidh rud ceàrr leis an exhaust aice Dihaoine.

Thuirt Cal Mac gun toireadh e 40 uair a thìde a chuir ceart.

Tha MV Isle of Arran, a chaidh a thoirt suas à Ile, nas lugha agus nas slaodaiche.

A thuilleadh air an t-seirbheis Shabaid ùr, seo tè dha na deireadh seachdainnean as traing air an t-slighe 's mòran a' tadhail air Fèis Cheilteach Innse Gall.

B' fheudar luchd-siubhail taobh na Hearadh a ghabhail Dihaoine.

Connspaid

Tha am plana gus seirbheis Shàbaid a chur air dòigh air a bhith connspaideach

Thuirt fear a tha a' cur taic ris, Ùisdean MacLeòid, gum bi e math do theaghlaidhean sna h-Eileanan.

"Bheir e barrachd cothrom do dhaoine tadhail air càirdean air Tìr Mòr." thuirt e

Ach tha feadhainn eile gu tur na aghaidh.

Thuirt an t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn nach robh Cal Mac a' tuigsinn gun robh an Tighearna a' bruidhinn riutha.

"Mur eil cridhe aca, no cluais son eisdeachd, tha cheart cho ma dhaibh a bhith nam pàganaich.

"Tha Cal Mac a' sabaid an aghaidh a' Chruthaigheir 's chan e na h-eileanaich a tha ann an seo," thuirt e.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Crìosdaidhean: na cleachdaibh aiseag Sàbaid
17 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Beachdan measgaichte mu aiseag Sàbaid
16 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Comhairle draghail mu cho-dhùnadh Chal Mac
15 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Iarrtas ùr air aiseag Sàbaid
07 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy