|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
An A96 fosgailte a-rithist an dèidh tuiltean
|
||||||||||||||||||||||
Tha an A96 fosgailte a-rithist an dèidh do thuiltean a dhùnadh an ear air Inbhir Nis.
Chaidh eabar bho thalamh àiteachais fhàgail air an rathad leis na tuiltean, is b' fheudar an rathad a dhùnadh airson sin a ghluasad air falbh. Thuit dearsach mhòr ann an Inbhir Nis is Inbhir Narann eadar 10:00f is meadhan oidhche Diardaoin. Chaidh damaiste a dhèanamh air grunn thaighean san sgìre, ach bha cuideachadh anns na pocannan gainmhich a chuir luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd a-mach airson na h-uisgeannan a smachdachadh. B'fheudar dhan luchd-smàlaidh uisge a phumpadh air falbh bho ghrunn sràidean ann an Inbhir Narann cuideachd. Tha Oifis na Sìde ag ràdh gum bi i fliuch is garbh air feadh a' Chinn a Tuath le meallan troma ann an àiteachan. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||