BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 17 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:41 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Plèana-eiridinn air a chur gu eilean an aite chun an Òbain
 
An t-Òban
Bha còir am plèana a chur gu Stràid Fladda anns an Òban
Thathar a' càineadh Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba an dèidh mearachd a dh'fhàg gun deach plèana a chur a-mach a dh'eilean air a' chosta an iar an àite do dh'euslainteach nach robh ach beagan slatan air falbh bho Ospadal an Òbain.

'S e bu choireach gun robh ainm an eilein agus ainm na sràide gu math coltach ri chèile.

Bha NHS 24 air iarraidh gun deadh carbad-eiridinn a chur gu Rathad Fladda san Òban.

Ach fhad 's a bha an duine a bha bochd a' feitheamh, dh'fhalbh sgioba an heileacoptair-eiridinn, air chosgais £1,000, gu taigh ann am Fladda air Eilean Luinn.

Nuair a dh'fhaillich orra an t-euslainteach fhaighinn, dh'fhòn iad chun na h-oifis aca airson faighinn a-mach gun deach an cur dhan àite cheàrr, agus gum bu chòir do charbad àbhaisteach a bhith air a chur a-mach gu Rathad Fladda san Òban, dìreach pìos beag air falbh bho ospadal a' bhaile.

Ghabh Seirbheis nan Carbadan-eiridinn ris gun do rinn an luchd-obrach aca mearachd agus thuirt iad gun dèanadh iad sgrùdadh air na thachair gus dèanamh cinnteach nach tachradh e a-rithist.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy