|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Corp ga lorg sa Chuan a Tuath
|
||||||||||||||||||||||
Tha luchd-teasairginn air corp a lorg sa Chuan a Tuath, far an robh iad a' coimhead airson duine a bha a dhìth bho chlàr-ola.
Chaidh an duine fhaicinn mu dheireadh mu 11:30m Dihaoine, air clàr-ola Brent Delta, mu 120 mìle an ear-thuath air Sealtainn. Bha luchd teisiriginn o Alba agus Nirribhidh an sàs san iomairt. Tha trì heileacoptairean a' coimhead air a shon, le cuideachadh bho phlèana Nimrod bhon RAF ann an Ceann Lois. Tha aithrisean ag ràdh gun robh a' mhuir socair, ciùin. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||