|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Trioblaidean einnsin air aiseag Sàbaid
|
||||||||||||||||||||||
Bha aiseag a tha còir ruith son a' chiad uair eadar Leòdhas agus Tìr Mòr air Là na Sàbaid, dà uair de thìde air dheireadh
Dihaoine air sgàth thrioblaidean le a funail.
Bha dùil ri MV Eilean Leòdhais ann an Steòrnabhagh aig 12:15f, ach cha do nochd i gu mu dhà uair as dèidh làimhe. Chaidh dà sheòladh às an eilean a chur dheth air sgàth nan trioblaidean agus tha luchd-einnsiniaraidh air a bhith ag obair air a' bhàta fad an fheasgair. 'S e seo fear de na làithean as trainge dha Caledonian Mac a' Bhriuthainn le mòran a' tadhal air Leòdhas airson Fèis Cheilteach Innse Gall. MV Eilean Arainn 'S e MV Eilean Leòdhais a bha a' chompanaidh a' dol a chleachdadh son a' chiad aiseig Shàbaid eadar Steòrnabhagh agus Ulapul air an deireadh sheachdain seo. Tha suas ri 100 carbad a' feitheamh ann an Ulapul gus faighinn a-nall a Steòrnabhagh. Thathas a' tuigsinn gum falbh MV Innse Gall Ulapul mu mheadhan oidhche gu Steòrnabhagh. Thuirt fear-labhairt Chal Mac nach eil coltas ann gun gabh gnothaichean a chur ceart ro Là na Sàbaid, 's gun toir e 40 uair a thìde a càradh. Thuirt e nach robh ceist ann an seòladh seirbheis Shàbaid air an deireadh sheachdain seo eadar Steòrnabhagh is Ulapul. Thuirt e ge-tà, nach robh cinnt ann a thaobh clàr-ama na seirbheis air an t-Sàbaid. Bhathas an dòchas falbh à Steòrnabhagh aig 2:30f. 'S e MV Eilean Arainn a dheadh na h-àite, ach bheir e 14 uairean a thìde a thoirt a Steòrnabhagh às Ìle. Thathas ag iarraidh air daoine shiubhal gu agus bho Leòdhas taobh na Hearadh. Thuirt an t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhain a tha air a bhith ag iomairt son bliadhnaichean an aghaidh aiseagan air an t-Sàbaid nach robh Cal Mac a' tuigsinn gun robh an Tighearna a' bruidhinn riutha. "Mur eil cridhe aca, no cluais son eisdeachd, tha cheart cho ma dhaibh a bhith nam pàganaich. "Tha Cal Mac a' sabaid an aghaidh a' Chruthaidheir 's chan e na h-eileanaich a tha seo," thuirt e. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Crìosdaidhean: na cleachdaibh aiseag Sàbaid17 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Beachdan measgaichte mu aiseag Sàbaid16 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Comhairle draghail mu cho-dhùnadh Chal Mac15 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||