BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 15:23 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Crìonadh-cladaich is arc-eòlas anns a' Bhaile Shear
 
Tràigh a' Bhaile Shear (Dealbh: Undiscovered Scotland)
Tha cladach a' Bhaile Shear a' crìonadh gu mòr
Tha arc-eòlaichean ann an Uibhist a Tuath air taighean bho Linn an Iarainn a lorg air tràigh.

Bha iad ag obair air tràigh a th' air crìonadh gu mòr anns a' Bhaile Shear.

Tha mòran rudan air tighinn am follais air an tràghad bho bha an stòirm mhòr ann ann an 2005.

Rinn arc-eòlaichean sgrùdadh anns a' Bhaile Shear anns na h-80an, agus thathas ag ràdh gun do dh'fhalbh 35 meatar den chladach bhon uair sin.

Am measg rudan eile a lorgadh air an tràghad, tha taighean-cuibhle bho Linn an Iarainn.

"Faodaidh na taighean seo a bhith suas ri deich meatar de leathad, le ballachan gu math toinnte nam broinn," thuirt tè de na h-arc-eòlaichean, Kate NicDhòmhnaill.

"Nuair a sheallas tu sìos orra, ann am "plan", tha iad coltach ri cuibhle," thuirt i.

 Airson bhliadhnaichean, cha robh dad a' tachairt a thaobh arc-eòlais an seo
 
Anna NicCoinnich

Tha cnàmhan, pìosan crèadha, agus seann innealan-obrach am measg na chaidh a lorg air an tràghad.

Tha na h-arc-eòlaichean a' feuchainn ri innse tro seo, dè dìreach a bh' anns an àite, agus dè seòrsa dòigh-beatha a bh' aig na daoine a thog e.

Gu ruige seo, tha iad air lorg fhaighinn air dà thaigh, beagan deas air a' Bhaile Shear.

Tha cuid de mhuinntir an eilein fhèin a' cuideachadh leis an obair chladhaich, gu saor-thoileach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil muinntir na sgìre uabhasach fhèin toilichte gu bheil an obair a tha seo a' dol ann," thuirt Anna NicChoinnich.

"Airson bhliadhnaichean, cha robh dad a' tachairt a thaobh arc-eòlais an seo.

"'S e rud uabhasach fhèin math a th' ann dhan sgìre, airson an fheadhainn a tha a' fuireach an seo, agus cuideachd airson luchd-turais a tha a' tighinn chun an àite," thuirt i.

Gu mì-fhortannach, leis gu bheil na th' ann suidhichte ri taobh a' Chuain Shiar, cha ghabh na thèid a lorg a ghlèidheadh.

Feumaidh na h-arceòlaichean clàr a chumail air na th' ann, airson tuilleadh a ionnsachadh mu eachdraidh an eilein.

"Ma gheibh thu rudeigin inntinneach a-mach às na h-àiteachan a tha seo, feumaidh tu a chur air falbh dha àite ann an Dùn Èideann ris an canar Treasure Trove, agus nì iadsan rannsachadh mu dheidhinn," thuirt Anna NicChoinnich.

Mar a dh'fhalbhas an cuan leis a' chladach, thig na h-arc-eòlaichean air ais, bliadhna as dèidh bliadhna, airson rannachadh a dhèanamh, gus an tèid aca air dealbh fhaighinn air na bh' air an làraich.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy