|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Ath-chuinge ùr airson obraichean QhinetiQ a dhìon
|
||||||||||||||||||||||
Chuir Aonghas Brianan MacNèil BP ath-chuinge air dòigh mar phàirt den iomairt gus cosnaidhean aig raointean rocaid ann an
Uibhist agus Beinn nam Fadhla a shàbhaladh.
Tha a' chompanaidh a tha a' ruith nan ionadan as leth an MoD, QinetiQ, airson 125 dreuchdan a ghearradh. Tha buidhean-ghnìomha, sa bheil Comhairle nan Eilean Siar, HIE agus Stòras Uibhist an sàs, a' strì gus nach tachair sin. Tha Mgr MacNèill ag ràdh gun cuirear an ath-chuinge air beulaibh Thaigh nan Cumantan airson sealltainn cho làidir 's a tha muinntir an eilein a' faireachdainn mun mholadh. "Cumaidh sinn oirnn, a' dèanamh ar dìchill seo a chumail air beulaibh aire dhaoine, agus a' dèanamh saoghal doirbh do Mhinistearalachd an Dìon na h-obraichean seo a ghearradh,"thuirt e. Comataidh Dhìon Thuirt e cuideachd gun d' fhuair e gealltanas bho bhall de Chomataidh Thaghte an Dìon ann an Taigh nan Cumantan, Raibeart Key BP, gun tig esan a dh'Uibhist a bhruidhinn ri riochdairean QhinetiQ. Bidh turas Mhgr Key mar phàirt den rannsachadh a tha a' chomataidh a' dèanamh air molaidhean QhinetiQ. A bharrachd air an ath-chuinge tha Mgr MacNèill ag ràdh gu bheil planaichean iomairt eile san amharc aige mu nach urrainn dha bruidhinn aig an ìre seo. Agus fiù 's ma chaillear am batail seo cha bhi an t-strì seachad, tha e ag ràdh. "Feumaidh sinn cuimhneachadh gum bi trì neo ceithir bhliadhnaichean ann mus bi na h-obraichean air an call." "Bidh co-dhùnadh air a dhèanamh, ma dh'fhaoidte, ron taghadh ach bidh na h-obraichean a' falbh as dèidh taghaidh agus, mar sin, tha an t-strì a' tachairt ann an diofar dhòighean agus feumaidh sinn a bhith deiseil airson sin," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||