|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Beachdan measgaichte mu aiseag Sàbaid
|
||||||||||||||||||||||
Tha caochladh bheachdan air nochdadh mun naidheachd gun tòisich seirbheis aiseig air an t-Sàbaid eadar Leòdhas is Tìr-mòr.
Tha Cal Mac ag ràdh gur e laghan Eòrpach mu chòirichean a' chinne daonna a tha a' toirt orra bàt-aiseig Sàbaid a ruith. Thuirt an t-Urr. Aonghas Mac a' Ghobhainn, gur e còirichean Dhè a bu chòir prìomhachas fhaighinn, 's nach e cuid mhic an duine. Thog an t-Urr. Mac a' Ghobhainn fianais an aghaidh a' chiad bhàt-aiseig Shàbaid dhan Eilean Sgitheanach bho chionn còrr is 40 bliadhna, le bhith a' laighe sìos air an laimrig, a' cumail nan carbadan bho thighinn far a' bhàta. Spiorad an là "Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn tòiseachadh far an robh facal Dhè a' tòiseachadh le còirichean an Tì sin a chruthaich sinn.
"Nam biodh sinn ag urramachadh an Tighearna, 's a' cuimhneachadh air na còirichean Aigesan, tha fhios gur e dleastanas a th' againn a bhith ag urramachadh chòirichean an Tighearna, bhiodh a h-uile càil math dha-rìribh. "Spiorad an là, tha sin a' buntainn ri daoine, 's tha sin a' toirt air daoine gun a bhith a' tuigsinn chùisean mar a bha na h-athraichean aca gan tuigse, agus a' cumail grèim air na rudan luachmhor air an robh na h-athraichean aca a' cumail grèim. "'S e a th' ann ach là an Tighearna, a thug E dhuinn mar thiodhlac, 's chan eil gnothach sam bith aig duine an t-Sàbaid a thoirt bho neach eile," thuirt e. Tha an t-Urr. Mac a' Ghobhainn cuideachd ag ràdh gum bi eucoir mar a th' air Tìr-mòr ann an Leòdhas ri linn an aiseig ùir, 's gum fàs an t-Sàbaid gu bhith coltach ri là sam bith eile den t-seachdain. Moraltachd Ach tha an craoladair 's an sgrìobhadair Fionnlagh MacLeòid, a th' air a bhith a' strì bho chionn fhada airson aiseig Shàbaid a Leòdhas, ag ràdh gu bheil an t-aiseag a' fosgladh Leòdhais chun an t-saoghail. "Fad mo bheatha nam inbheach tha mi airson seo fhaicinn," thuirt e. "Gun tig am fosgladh air beatha shìobhalta Leòdhais 's gum biodh saorsa aig a h-uile duine, a rud fhèin a dhèanamh. "'S nach biodh gin a bhuidheann, beag no mòr, aosta no ùr le cumhachd sam bith aca, air dè seòrsa beatha shìobhalta fhosgailte a bha san eilean. Aig an ìre sin 's e ceum mòr a th' ann.
"Aig ìre eile, chan eil e a' dol a dhèanamh dealchadh sam bith bàta beag gu bhith a' falbh à Steòrnabhagh uair no dhà seachd là san t-seachdain. "'S iomadh dòigh as urrainnear feum a dhèanamh den t-Sàbaid, agus 's e aon dòigh anns an do chleachd an Eaglais an t-Sàbaid, 's e sin na meadhan air ceannsal a chumail air an t-sluagh choitcheann air fad. 'S bha e èifeachdach dha-rìribh." Thuirt an Dr MacLeòid gu bheil dà sheòrsa moraltachd ann an Leòdhas ri linn. "Cho gann 's cho duilich 's a tha e a' faighinn dhaoine a bhruidhneas ann an dòigh nàdarrach mu dheidhinn dè th' air a bhith a' tachairt. Bho tha daoine air an glasadh, 's nàir orra, bho tha cuimhne aca air an athar 's am màthair 's air an seanair 's rudan mar sin. "Ach nuair a tha daoine prìobhaideach nan taighean fhèin tha saorsa aca, chan eil e ri fhaicinn - chan eil sin fallainn nuair a tha astar mòr eadar moraltachd phrìobhaideach agus moraltachd choitcheann. "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil aig gach buidhinn ri fhaicinn cò ris a tha e gu bhith coltach nuair a tha Leòdhas fosgailte. "Thàinig Leòdhas a-mach às an 200 bliadhna mu dheireadh, bho bhith cha-mhòr na theocracy, air a riaghladh gu tur le creidmhich. 'S e annas a bha sin, 's fhuair e grèim mhòr, 's grèim leantainneach. "'S ann anns an linn againne, tro fhoghlam - chan e coigrich a th' air a thoirt a-steach - foghlam agus luchd-smaoinichidh ag atharrachadh 's a' smaoineachadh nan dòigh fhèin cò ris a bha e coltach. "A chreud fhèin, 's a chreideamh fhèin - no ana-chreideamh fhèin - a shaorsa aig gach duine. "Tha gach duine moralta, tha sin an cois mhic-an-duine. Cha b'e creud a thug a-steach moraltachd," thuirt e. |
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Comhairle draghail mu cho-dhùnadh Chal Mac15 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Tòisichidh aiseagan Sàbaid eadar Leòdhas 's Tìr Mòr14 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||