BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 16 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 15:42 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Còmhdhail nas fheàrr a dhìth ann an Leòdhas
 
Teanta mòr na Fèise Ceiltich
Bidh àiteachan fuirich a' lìonadh gu luath sa bhaile
Tha Leòdhas feumach air seirbheisean còmhdhail nas fheàrr tron t-seachdain nuair a tha fèisean mòra a' dol san eilean.

Tha sin a rèir Chathraiche Fèis Ceiltich Innse Gall, Murchadh Mac'illFhinnein.

Tha Mgr Mac'illFhinnein den bheachd nach dèan an t-aiseag Sàbaid cus diofar dhaibh am bliadhna.

Tha e a' cumail a-mach ge-tà, gu bheil goireasan eile a dhìth orra, ma tha an t-eilean a' dol a dh'fhaighinn buannachd cheart bho thachartasan mòra.

Am Mòd Nàiseanta

"Nuair a tha sinne a' cur air na Fèise, tha sinn a' faicinn a h-uile bliadhna, gainnead de dh'àiteachan fuirich," thuirt e.

"A bharrachd air sin tha sinn a' faicinn gu bheil e duilich dhan luchd-tadhail a bhith a' faighinn dhachaigh as dèidh na fèise.

 Nuair a tha daoine a' tadhal air an eilean, tha iad ag iarraidh a bhith faisg air a' bhaile, agus tha na h-àiteachan fuirich a' lìonadh an-àirde gu math luath
 
Murchadh Mac'illFhinnein, Cathraiche Fèis Ceiltich Innse Gall

"Bhiodh sinne a' miannachadh gun deadh coimhead as ùr ris na ceanglan a th' ann a-nis eadar am baile mòr agus a' choimhearsnachd air an iomall. Gu h-àraidh anmoch as dèidh dha na consairtean a bhith deiseil.

"Tha mi a' creidsinn gu bheil am Mòd Nàiseanta a bhios an seo a dh'aithghearr, gum bi na h-aon cheistean acasan ri fhreagairt.

"Nuair a tha daoine a' tadhal air an eilean, tha iad ag iarraidh a bhith faisg air a' bhaile, agus tha na h-àiteachan fuirich a' lìonadh an-àirde gu math luath.

"Feumaidh iad an uair sin a dhol a-mach dhan iomall, 's bidh iad sna Hearadh, ann an Ùig, 's air a' Bhac.

"Ach 's e na ceangalan as dèidh nan consairtean air an oidhche a tha sinne a' miannachadh gun tèid coimhead ris as ùr," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy