BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 15 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 12:23 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Atharrachadh air tagaichean chaorach an Alba
 
Caora
Thèid an sgeama a dhèanamh nas sìmplidh a-nis
Chaidh fàilte gu ìre a chur air an naidheachd nach bi sgeama tagaichean nan caorach buileach cho cosgail do chroitearan ann an Alba is a bha dùil.

A-nis chan fheum uidheamachd airson na tagaichean a leughadh a bhith aig na tuathanaich fhèin idir, ged a dh'fheumas e a bhith aig na margaidhean sprèidhe is na taighean-spadaidh.

Tha sin a' ciallachadh nach fheum croitearan agus tuathanaich pàigheadh airson na h-uidheamachd iad fhèin.

'S ann airson sùil a chumail air mar a tha caoraich gan gluasad bho chroit gu croit, is an uair sin gu margaidh is gu taigh-spadaidh, a tha an sgeama a chaidh a chur an sàs gu connspaideach leis an Aonadh Eòrpach.

Is e Dòmhnall Dòmhnallach fear de stiùirichean Bhunait na Croitearachd is tha esan den bheachd nach e naidheachd ùr a tha seo idir, gun robh taic ga toirt seachad mar thà do chroitearan a bha feumach air cuideachadh airson an uidheamachd a cheannach.

 Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sinn càil nas fhaide air adhart
 
Dòmhnall Dòmhnallach, Bunait na Croitearachd

Tha Mgr Dòmhnallach toilichte ge-tà, gu bheil ùghdarras an Riaghaltais aig an naidheachd nach leig croitearan a leas uidheamachd a cheannach iad fhèin idir a-nis, ach gur i buannachd gu math lag a tha ann.

"Tha gu leòr ann a bhios a' smaointinn gur e adhartas a tha seo, ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sinn càil nas fhaide air adhart.

"Feumaidh tu na tagaichean a chur ann ge b' oil leat," thuirt e.

Tha cuid de chroitearan is tuathanaich fhathast mì-thoilichte gu bheil aca ri tagaichean a chur air an cuid caorach idir, is Mgr Dòmhnallach fhèin den bheachd gum bu chòir cur às dha uile gu lèir.

"Ma tha an cumhachd is an t-ùghdarras aig an Roinn Eòrpa leithid de lagh a thoirt a-steach, tha fios fo shealbh gu bheil an aon chumhachd aca an riaghailt sin a chur a-mach a bith," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy