BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 15 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 10:41 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Comhairle draghail mu cho-dhùnadh Chal Mac
 
MV Eilean Leòdhais (Dealbh: Undiscovered Scotland)
Tha Cal Mac ag ràdh gun ruithear am bàt-aiseig fad na bliadhna
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad draghail mun dòigh san do rinn Caledonian Mac a' Bhriuthainn an co-dhùnadh bàt-aiseig Sàbaid a thòiseachadh eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Chaidh innse Dimàirt gu bheil Cal Mac gus seirbheis a thòiseachadh air an t-Sàbaid seo tighinn, an là as dèidh Fèis Cheiltich Innse Gall.

Thuirt iad gun lean an t-seirbheis gach Sàbaid bhon uair sin.

Ach tha a' Chomhairle draghail nach do rinn Cal Mac co-chomhairleachadh gu leòr air a' cheist mus do rinn iad an co-dhùnadh.

Comhairle Laghail

Dh'iarr iad cuideachd air a' chompanaidh, a th' ann an sealbh na Stàite, a' chomhairle laghail a fhuair iad gun robh dìth bàt-aiseig Shàbaid a' dol an aghaidh laghan Eòrpach air còirichean a' chinne-daonna, fhoillseachadh.

 Far a bheil coimhearsnachd ag iarraidh iad fhèin a ghiùlain ann an dòigh, agus an uair sin tha beachd laghail a' tighinn a-steach ag ràdh nach fhaodar sin a dhèanamh, tha sin mì-reusanta, agus mì-dhòigheil, agus 's e cuspair gu math eagalach a th' ann
 
An Comh. Dòmhnall Manford

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e riatanach am beachd laghail fhaighinn, gu h-àraid nuair a thathar a' dèanamh leithid de rud air bonn bheachd laghail, agus dragh reusanta a bhith ann gu bheil seo a' dol a bhualadh air iomadach rud eile," thuirt Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Dòmhnall Manford.

"Far a bheil coimhearsnachd ag iarraidh iad fhèin a ghiùlain ann an dòigh, agus an uair sin tha beachd laghail a' tighinn a-steach ag ràdh nach fhaodar sin a dhèanamh, tha sin mì-reusanta, agus mì-dhòigheil, agus 's e cuspair gu math eagalach a th' ann," thuirt e.

'S e seasamh na Comhairle gu bheil iad an aghaidh a' bhàt-aiseig, ach dh'aidich Mgr Manford 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, fhad 's a tha a' Chomhairle a' fàgail air Cal Mac nach do dh'iarr iad beachd an t-sluaigh, nach do rinn a' Chomhairle referendum nas motha.

 Bidh e inntinneach a-nis faicinn an dèan iad iomairt airson rudan eile atharrachadh is rudan eile fhosgladh
 
Iain MacRath, Comann Dìon na Sàbaid

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e ceart sin a chur air n-aghaidh, chaidh cothrom a thoirt dhan Chomhairle dà bhliadhna air ais sin a dhèanamh.

"Ach na dhèidh sin dh'fheumainn a ràdh, sheas na comhairlichean a thàinig a-steach bho Leòdhas, air an àiteachan gun robh iad fhèin airson Là na Sàbaid a ghlèidheadh.

"Fhuair iad an taghadh air sin, agus chan eil mi a' smaointinn gu bheil e mì-reusanta dhaibh a ràdh gur e cunntas bheachd a bha sin fhèin," thuirt e.

Goireasan Eile

Tha Comann Dìon na Sàbaid (LDOS) ag ràdh nach biodh e cothromach don fheadhainn a bha a' strì airson bàtaichean-aisieig Sàbaid goireasan eile iarraidh air an là sin.

Tha a' bhuidheann an dòchas gun gabh inntinn an Riaghaltais Albannaich, a thug cead dhan t-seirbheis, atharrachadh fhathast.

"Tha mi an dòchas gun gabh an Riaghaltas ris nach eil Comhairle nan Eilean Siar airson seo, 's gun do chuir muinntir Leòdhais is na Hearadh agus nan eileanan a deas na Comhairlichean nan àite, 's gu bheil iadsan a' riochdachadh bheachdan an t-sluaigh," thuirt Fear-labhairt an LDOS, Iain MacRath.

"Tha tòrr den fheadhainn a bha a' dèanamh strì airson aiseagan Sàbaid, air a bhith ag ràdh "chan eil sinn ag iarraidh gun atharraich cùisean eile ann an Leòdhas. Chan eil sinn ag iarraidh gum bi bùithdean 's mar sin air adhart fosgailte."

"Bidh e inntinneach a-nis faicinn an dèan iad iomairt airson rudan eile atharrachadh is rudan eile fhosgladh.

"Ma tha iad onarach, cha dèan. Bha iad ag iarraidh dòigh air siubhail a-mach às an eilean agus chun an eilein air an t-Sàbaid.

 Cha chreid mi gu bheil seo a' dol a dh'atharrachadh dòigh-beatha dhuine sam bith
 
Uisdean MacLeòid

"Tha coltas gu bheil iad air sin fhaighinn a-nis, agus is cinnteach, ma tha iad air sin a bhuanachadh, nach fheuch iad ri rudan eile atharrachadh cuideachd," thuirt Mgr MacRath.

Tha an fheadhainn a rinn strì airson bàt-aiseig Shàbaid ag ràdh nach eil iad den bheachd gun toir e buaidh air dualchas an eilein, agus gum bi an t-seirbheis feumail do dhaoine a tha ag iarraidh siubhail air an t-Sàbaid.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil e gu math freagarrach," thuirt Fear-Labhairt na buidhne-strì, Uisdean MacLeòid.

"Tha e a' toirt teansa do dhaoine dèanamh deiseil, 's tighinn a dh'Ulapul, no tighinn gu Steòrnabhagh madainn na Sàbaid, 's feasgar na Sàbaid, 's faighinn dhachaigh ann an tìde gu leòr son a bhith deiseil son madainn Diluain.

"Cha chreid mi gu bheil seo a' dol a dh'atharrachadh dòigh-beatha dhuine sam bith.

"Ma tha daoine airson siubhail, siubhlaidh iad, 's mur a bheil, cha dèan iad feum den aiseag, agus chan eil e a' dol a chur dragh air cultar duine sam bith," thuirt e.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy