BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 15 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 14:48 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Spèis ga h-iarraidh do dh'Àraich Chùil Lodair
 
Cuimhneachan air àraich Chùil Lodair
Tha an àraich ann an sealbh Urrais Nàiseanta na h-Alba
Thèid soidhnichean a chur an-àirde air Àraich Chùil Lodair ag iarraidh air daoine spèis a thoirt don làraich mar chladh-cogaidh.

Tha an iomairt a' tighinn as dèidh mar a chuir dol-a-mach cuid den luchd-turais an caothach air ball den bhuidhinn A Circle of Gentlemen, a bhios ag ath-chruthachadh tachartasan Bliadhna Theàrlaich.

Thuirt Alasdair MacNèill gum faca esan teaghlach a' gabhail bidh air mulach tè de na h-uaighean-fine air an àraich.

Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gun robh iad ag aithneachadh na trioblaid.

Tha an Circle air ainmeachadh as dèidh buidheann de Sheumasaich ann an Dùn Èideann, a dh'fhan dìleas don Phrionnsa as dèidh Chùil Lodair, a' coinneachadh suas gu faisg air deireadh na 18mh linne.

Rinn Mgr MacNèill gearain mu na chunnaic e ris an Urras.

"Bha teaghlach de cheithrear le dà chù a' gabhail cuirm-chnuic air tè de na h-uaighean.

"Bha an athair na shuidhe ri clach na h-uaghach, a' gabhail toit agus ag ithe Scotch egg," thuirt e.

Rinn Mgr MacNèill a' phuing nach biodh e an dùil ri leithid de dhol-a-mach air àraichean a' Chogaidh Mhòir ann am Flannrais, mar eisimpleir.

Chaidh cuirp Chùil Lodair a thiodhlaigeadh gu cabhagach ann an uaighean tana le saighdearan an Airm Dheirg.

"'S iomadh duine - gu h-àraid luchd-turais à Aimeireaga - a thig a Chùil Lodair air sgàth 's gu bheil urram aca dhan àite, is iad a' feuchainn ri an càirdean a lorg ann," thuirt Mgr MacNèill.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil na soidhnichean ùra mar oidhirp toirt air daoine barrachd spèis a bhith aca dhan àite.

"Tha sinn ag aithneachadh na trioblaid seo, agus ag ullachadh soidhnichean a tha a' mìneachadh do dhaoine gur e cladh-cogaidh a th' ann," thuirt tè-labhairt an Urrais.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy