BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 14 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 12:57 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Tòisichidh aiseagan Sàbaid eadar Leòdhas 's Tìr Mòr
 
Cala Steòrnabhaigh
Stèidhichear seirbheis Sàbaid eadar Steòrnabhagh 's Tìr Mòr
Tòisichidh a' chiad sheirbheis aiseig riamh eadar Leòdhas agus Tìr Mòr air an deireadh sheachdain seo tighinn.

Choinnich ceannardan na companaidh aiseig, Caledonian Mac a' Bhriuthain, ri riochdairean Comhairle nan Eilean Siar airson bruidhinn mun chuspair chonnspaideach.

B' e seasamh oifigeil na Comhairle nach robh iad airson seirbheis Shàbaid a bhith ann.

Thuirt iad gun robh iad air an tàmailteachadh leis a' cho-dhùnadh ach nach b' e iongnadh a bh' ann.

Tha iad am beachd iarraidh air Riaghaltas na h-Alba, leis a bheil a' chompanaidh aiseig, gnothach a ghabhail ris a' chùis.

Sa Chèitean thuirt Cal Mac gun robh iad a' sireadh bheachdan air ceist sheirbheisean Sàbaid.

Bha iad a' cumail a-mach gun d' fhuair iad comhairle laghail gun robh iad a' dol an aghaidh chòirichean a' chinne-daonna leis nach robh iad a' toirt seachad seirbheis air an t-Sàbaid.

Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-tà nach deach beachdan dhaoine a thrusadh gu dòigheil.

Tha iad cuideachd ag ràdh gun robh còir aig a' chompanaidh aiseig a' chomhairle laghail a fhuair iad foillseachadh.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy