BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 10 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 11:52 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Rinn Oighreachd a' Chrùin prothaid de £220m
 
Cladach
Barrachd obraichean an luib chumhachd na mara san amharc
Rinn Oighreachd a' Chrùin prothaid de chòrr is £220m an-uiridh a dh'aindhèòin 's gun do thuit luach nan togalaichean is an fhearainn aca.

Feumaidh duine neo gnìomhachas sam bith a tha a' cleachdadh grunnd na mara màl a phàigheadh do dh'Oighreachd a' Chrùin.

Tha sin a' toirt a-steach chidheachan, chalaidhean, thuathanasan èisg agus leasachaidhean eile.

Choisinn a' bhuidheann faisg air £50m leis a' mhàl a tha iad a' faighinn airson grunnd na mara.

Tha iad a' sùileachadh tuilleadh cosnaidh a dhèanamh à leasachadh chumhachd ath-nuadhachail aig muir.

Ge-tà tha ùghdarrasan cala agus tuathanasan èisg a' gearain nach eil na sgìrean às a bheil teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin a' tighinn, a' faighinn buannachd às a' phrothaid mhòir seo, leis gur ann gu Roinn an Ionmhais a tha i a' dol.

 
 
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy