BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 10 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 09:22 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
BP an dùil nach seas co-dhùnadh an MOD
 
Rocaid
Tha an MOD airson 125 cosnaidhean a ghearradh
Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill ag ràdh gu bheil dòchas aige nach seas co-dhùnadh Mhinistreachd an Dìon (MOD) mu raon rocaidean Uibhist.

Tha an MOD airson 125 cosnaidhean a ghearradh aig an raon, 's a' chuid as motha den obair a chur gu Aberporth anns a' Chuimrigh.

Thuirt Mgr MacNèill gun d'fhuair e gealltanas bho luchd-labhairt dìon nan Tòraidhean agus nan Lib-Deamach nach eil iad ceangailte ri taic a thoirt do cho-dhùnadh an Riaghaltais Làbaraich.

"Bhruidhinn mi ris an Lib-Deamach, Nick Harvey, agus ri Liam Fox o na Tòraidhean, agus ri Aonghas Robasdan bhon SNP cuideachd, 's tha na trì partaidhean sin ag ràdh nach eil iad idir ag aontachadh ris an Riaghaltas Làbarach a tha am beachd na h-obraichean a tharraing a-mach à Uibhist," thuirt e.

Tha Ministear an Dìon, Quentin Davies air gabhail ri fiathachadh tadhail air Uibhist a shireadh bheachdan dha fhèin.

Thig co-dhùnadh deireannach bhon MOD mu na gearraidhean san Lùnastal.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Quentin Davies gus tadhal air Uibhist
09 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Co-chomhairleachadh QinetiQ ga leudachadh
25 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Buidheann-gniomh a' stri gus obraichean a ghleidheadh
24 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Buidheann ghnìomha gus coinneachadh Diciadain
19 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì raon nan rocaidean a' tòiseachadh
18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
125 cosnaidhean a' falbh ann an Uibhist
17 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean
16 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy