BBC Home
Explore the BBC

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
» What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
 
Ùraichte air: 09 An t-Iuchar, 2009 - Air fhoillseachadh aig 09:37 BST
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
Quentin Davies gus tadhal air Uibhist
 
Ministear an Dìon, Quentin Davies
Dh'iarr Jim Murphy air Mgr Davies tadhal air Uibhist
Tha Ministear an Dìon, Quentin Davies, air aontachadh tadhal air Uibhist a dh'fhaighinn bheachdan muinntir an àite mu ghearraidhean aig raon nan rocaidean.

Dh'iarr Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, air Mgr Davies a dhol ann, agus e a' tadhal air na h-Eileanan Siar Diardaoin.

Tha Ministreachd an Dìon (MOD) airson 125 cosnaidhean a ghearradh ann an Uibhist, agus iad ag amas air £50m a chùmhnadh.

Tha a' chompanaidh QinetiQ a' ruith an raoin as leth an MOD.

Tha buidheann ghnìomha a chaidh a chur air bhonn gus cur an aghaidh nan gearraidhean, ag ràdh gum biodh e a' cheart cho cosgail don MOD Uibhist fhàgail, 's a bhiodh e dhaibh fuireach ann, a thuilleadh air buaidh nan gearraidhean air eaconamaidh an àite.

Bha Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy fhèin ann an Uibhist Diardaoin, agus e a' tadhal air diofar àiteachan anns na h-Eileanan Siar.

Choinnich e ri comhairlichean ionadail, agus cuideachd ris a' bhuidhinn ghnìomha.

Chaidh e cuideachd do Leòdhas, far an tadhail e air grunn làraichean gnìomhachais, mus cum e fòram poblach ann an Steòrnabhagh, far an cuir riochdairean poblach ceistean air.

Thèid am fòram sin a chumail ann an Ionad na Drochaid ann an Ceann a' Bhàigh, aig 5:30f.

 
 
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Dragh mu bhuaidh ghearraidhean air a' Ghàidhlig
08 An t-Iuchar, 2009 | Naidheachdan
Co-chomhairleachadh QinetiQ ga leudachadh
25 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Fios a dhìth air na thachras do luchd-obrach Butec
19 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu inbhe Hiort ri linn ghearraidhean airm
18 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
HIE gun fhios dè tha san amharc aig QinetiQ
17 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Strì mhòr a dhìth mu raon nan rocaidean
16 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Dragh mu 120 cosnadh aig Raon nan Rocaidean
15 An t-Ògmhios, 2009 | Naidheachdan
Gealladh a dhìth mu raon nan rocaidean
31 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
 
 
Post-d gu caraid   Dreach clò-bhualaidh
 

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy