|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Suaicheantas nan Eilean ann am Margaidheachd
|
||||||||||||||||||||||
Tha grunn chompanaidhean bidh anns na h-Eileanan Siar a' cur taic as ùr ris an oidhirp air ainm Beurla nan Eilean Siar, "Outer
Hebrides" agus an ainm Gàidhlig "Innse Gall" a chleachdadh airson an stuth aca a reic.
Thòisich an iomairt bho chionn sia bliadhna, ach chaidh dàil a chur innte. Tha dùil gum bi suaicheantas nan Innse Gall ga chleachdadh ann am margaidheachd bhiadh às na h-Eileanan. "A' chuid as motha den bhliadhna a chaidh seachad, cha robh mòran adhartais aig a' phròiseact," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach bho Chomhairle nan Eilean Siar. "Bha sinn a' coimhead ri rudan mar taic-stàite na Roinne Eòrpa, ach chaidh sinn air ais thuige an t-seachdain seo, agus tha e follaiseach gu bheil iad (companaidhean) dèidheil air cumail a' dol chun na h-ath ìre. "Tha ùidh air a bhith ann bho thòisich seo. Tha sinn a-nis anns an treas phèas den phròiseas shuaicheantachd a tha seo, agus tha na companaidhean fhèin a' cheart cho dèidheil air a bhith a' gluasad air adhart leis. "Tha iad gu math làidir air cùl seo agus iad a' faicinn gur dòcha gum biodh am prothaid a tha iad a' faicinn a' tighinn a-steach le bhith a' reic chun nam margaidhean air falbh bhon àite, gum bi sin nas motha nuair a bhios fios aig daoine cò às a tha am biadh a' tighinn," thuirt e. |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||