|
---------------
---------------
---------------
Tuilleadh
bhon BhBC ---------------
Cànain
|
Tubaist bhàsmhor le quad ann an Leòdhas
|
||||||||||||||||||||||
Chaidh am fear òg a chaidh a mharbhadh ann an tuibaist le baidhseagal quad ann an Leòdhas ainmeachadh.
Bha Craig Moireasdan, a bha 20 bliadhna de dh'aois agus a bhuinneadh don Bhac, a' cleachdadh a' qhuad le caraid. Chaidh e le creig ann an Gleann Tolastaidh ann an ear-thuath an eilein. Bha caraid, a bha 19 bliadhna de dh'aois, a-muigh còmhla ris aig an àm, agus chuir esan fios air na buidhnean teasairginn mu 11:00f. Chaidh sgiobaidhean mhaor-cladaich à Steòrnabhagh, Nis agus Bràgar a ghairm, a thuilleadh air na poilis, an luchd-smàlaidh 's an t-seirbheis eiridinn. Chleachd caraid an duine solas camara a' fòn-làimhe aige gus aire a tharraing gu far an robh iad. Bha Mgr Moireasdan air tuiteam eadar 30 - 80 troigh. Thug heileacoptair Mhaor-cladaich Steòrnabhaigh an duine gu Ospadal nan Eilean, ach bha e marbh mun àm a ràinig iad. Tha Poilis a' Chinn a Tuath a' rannsachadh na cùise, ach thuirt iad nach eil iad amharasach mu na thachair. Thuirt a theaghlach: "Tha sinn ga iondrainn mhòr, 's thèid a chuimhneachadh nar cridheachan gu bràth. "Thathas an dòchas, tro bhàs Chraig, gum bi daoine eile nas mothachaile air cho cunnartach 's a dh'fhaodas baidhseagail quad a bhith." |
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
|
||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||